"'S e buille gu math cruaidh a th' ann do dh'eaglais sam bith"

Tha an t-Urr Calum Iain MacLeòid am measg na tha a' nochdadh dragh gu bheil a' mhaoin ga gearradh
- Air fhoillseachadh
Tha ceannardan Crìosdail an Alba a' toirt rabhadh mu cho duilich 's a dh'fhaodadh e a bhith dhaibh eaglaisean eachdraidheil a chàradh an dèidh mar a chaidh cur às do sgeama mhaoineachaidh.
Dhearbh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' dùnadh maoin shònraichte - Listed Places of Worship Grant Scheme (LPWS) - aig deireadh a' Mhàirt 2026.
Bha a' mhaoin a' toirt lùghdachaidh air na bh' aig eaglaisean agus buidhnean-creideimh eile ri phàigheadh ann am VAT nuair a bha iad a' leasachadh àite-adhraidh.
Thèid stòras ùr na àite sam bi £92m a bheir taic le cosgaisean calpa phròiseactan ùrachaidh.
Ach tha riochdairean creideimh a' gearan nach deach na beachdan aca a shireadh ro làimh, agus gum feum iad "freagairtean susbainteach" do na ceistean aca.
"Droch bhuaidh air obair leasachaidh"
Tha an t-Urr Calum Iain MacLeòid bho Eaglais Shaor Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais san Eilean Dubh ag ràdh gur e "briseadh-dùil a th' ann".
"Nam bharail-sa 's e buille gu math cruaidh a th' ann do dh'eaglais sam bith," thuirt e.
Tha e ag ràdh gu bheil e air "leth cosgail obair sam bith a dhèanamh air togalach mar eaglais a tha a' tighinn le liosta".
Tha Mgr MacLeòid den bheachd gur dòcha gum fàg an co-dhùnadh nach bi dol às aig cuid de cho-thionalan ach togalach adhraidh eile a lorg agus cunnart ann gum bi e ro chosgail dhaibh seann eaglais a thoirt gu ìre.
Thuirt e: "Call cìs a' VAT, chan urrainn dhomh a chur ann am briathran cho tàmailteach agus a tha sin agus bheir e droch bhuaidh air obair leasachaidh."
Taic airson togalaichean eaglaise a shàbhaladh
- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain 2024
Eaglais na h-Alba "a' trèigsinn nan seann bhannan leis an t-sluagh"
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2025
Eaglais Thiriodh: "Tha faireachdainn air an eilean gum biodh e na chall mòr"
- Air fhoillseachadh13 An Cèitean 2025
Tha an t-Urr MacLeòid ag ràdh gum feum iad soilleireachd agus "fuasgladh fhaighinn air a' chùis".
Tha Fòram Cheannardan Eaglaise na h-Alba air sgrìobhadh gu Rùnaire a' Chultair, nam Meadhan agus Spòrs, Lisa Nandy, a' togail an cuid dhraghan gun deach a' mhaoin a tharraing gun chonaltradh a bhith ann.
Tha còrr is 1,000 togalach aig Eaglais na h-Alba a dh'fheumas iad a chumail an staid mhath.
Tha am Fìor Urr Rosie Frew, Modaràtair na h-Eaglaise, agus am Fìor Urr John Keenon bho Cho-labhairt Easbaigean Caitligeach na h-Alba a' cumail chòmhraidhean le Ministear Oifis na h-Alba, Kirsty McNeill, ro dheireadh na mìos seo.