Beachdan gan sireadh mu thrafaig sa Ghearasdan

Sealladh on adhar de bhaile a' GhearasdainTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha beachdan gan sireadh air trafaig anns a' Ghearasdan agus mu thimcheall a' bhaile.

Faodaidh daoine a tha a' fuireach ann an Loch Abar agus gnothachasan san sgìre sin a chur a-steach air-loidhne a-nis agus aig tachartas nas fhaide air adhart air a' mhìos., taobh a-muigh

Tha co-chomhairle ga cumail air plana còmhdhail amalaichte,, taobh a-muigh a tha ag amas air bun-structar agus ceanglaichean a leasachadh.

Tha daoine air a bhith a' gearan mu dheidhinn trafaig anns a' Ghearasdan airson ùine mhòir a-nis, gu h-àraid air an A82, agus tha am plana ag amas air na draghan sin a rèiteachadh.

Bidh cothrom aig daoine am beachdan a thoirt seachad air-loidhne agus aig tachartas air an t-17mh là den Mhàrt.

Gheibh daoine leth-bhreacan pàipeir den t-suirbhidh cuideachd.

Trèana aig stèisean a' Ghearasdain

Sheall sgrùdadh a rinneadh roimhe gun robh maill a' tighinn air luchd-obrach nan seirbheisean èiginneach faighinn gu an cuid obrach, le tidsearan agus sgoilearan anmoch a' ruighinn sgoiltean ri linn na trafaig.

Nochdadh cuideachd gun robh gainnead roghainnean ann air slighean eile fhad 's a bha rathaidean dùinte agus gainnead seirbheisean rèile ionadail is cheanglaichean ri meadhan na h-Alba.

Tha am plana còmhdhail amalaichte ga leasachadh le AECOM agus Stantec às leth Hitrans, le maoineachadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba.

"Tha sinn uile ag iarraidh siostam còmhdhail nas èifeachdaiche, nas seasmhaiche agus nas fhasa a chleachdadh a tha a' ceangal choimhearsnachdan, a' cur taic ri gnothachasan agus a' fuasgladh fàis air feadh Loch Abair," thuirt cathraiche comataidh eaconomaidh is bun-structair Comhairle na Gàidhealtachd, Ken Gowans.

Tha trioblaidean còmhdhail na dhuilgheadas gu h-àraid don eaconomaidh ionadail, a rèir àrd-stiùiriche Seòmar Malairt Taobh Siar na Gàidhealtachd, Frazer Coupland.

"Tha ceanglaichean còmhdhail truagh agus tachdadh ràitheil nan rathaidean tron Ghearasdan air bacadh a chur air fàs air feadh taobh siar na Gàidhealtachd fada ro fhada.

"'S e a' cho-chomhairle seo an cothrom againn an tachdadh sin a bhriseadh agus fuasglaidhean a lorg."

Tha a' cho-chomhairle fosgailte chun an 13mh là den Ghiblean.