"Tha barrachd is barrachd leabhraichean ùra a' tighinn troimhe"

Alison Lang le leabhraichean cloinneTùs an deilbh, ALISON LANG
  • Air fhoillseachadh

Rinneadh atharrachadh air structar Duaisean Litreachais na Gàidhlig, le barrachd is barrachd leabhraichean gan cur a-steach.

Bidh duaisean ann 'son bàrdachd, ficsean agus neo-fhicsean - le dà fharpais fa-leth do leabhraichean chloinne am-bliadhna a' dèanamh sgaradh 'son a' chiad uair eadar leabhraichean do phàistean eadar 0-7 agus do chloinn nas sine.

"Bha e follaiseach gun robh e doirbh dha na britheamhan a bhith a' dèanamh coimeas cheart eadar leabhar dha deugairean agus leabhar dha bèibidhean," thuirt stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, Alison Lang.

"Tha barrachd is barrachd leabhraichean ùra a' tighinn troimhe, agus mar sin bha sinn a' smaoineachadh gum biodh e fallain a bhith a' dèanamh sgaradh eadar na dhà.

Cuiridh na britheamhan seachad an samhradh a' leughadh 's a' cnuasachadh air na leabhraichean mus tèid na duaisean a thoirt seachad as t-fhoghar.

"Tha sinn air leabhraichean uabhasach inntinneach fhaicinn a' tighinn troimhe, agus mar sin tha mi a' coimhead air adhart ris a' chothrom a bhith ag obair còmhla ris na britheamhan airson na leabhraichean as fheàrr a chomharrachadh nuair a thig sinn chun na cuirme anns an t-Sultain.

"Tha an ceann-là greis air falbh fhathast, air a' chiad là den Chèitean."

Làmhan air coimpiutair-uchd air bòrd le cupa cofaidhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na farpaisean fosgailte chun a' chiad là den Chèitean

Chan eil e ro fhadalach fhathast, tha Alison ag ràdh, fiù 's do dhaoine nach do thog peann fhathast.

"Nam faigheadh iad rudeigin deiseil anns an ùine sin, tha an cothrom fhathast ann," thuirt i.

"Ach 's dòcha gu bheil iad air a bhith ag obair air rudeigin, agus e a' tighinn gu ìre far a bheil iad cinnteach gu bheil ciad dreach a tha a' coimhead reusanta agus gum faodadh iad sin a chur air adhart cuideachd."

Tha roinnean farpais ann do leabhraichean nach deach fhoillseachadh fhathast, a bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò.

Gheibhear fiosrachadh mu mar a chuirear a-steach airson nan duaisean air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean. , taobh a-muigh