Geamaireachd agus Gàidhlig a' tighinn còmhla ann an Grease Trap '99

'S e James Muirhead a tha a' leasachadh a' gheama Grease Trap '99
- Air fhoillseachadh
Tha geama ùr air-loidhne le sgeulachd oillteil air a h-innse sa Ghàidhlig air fear de 46 pròiseactan a fhuair maoineachadh bhon Chrannchur Nàiseanta agus Alba Chruthachail luach còrr is £1m.
'S e dràma eagalach stèidhichte ann am bùth èisg is tiops am baile an cois a' chladaich a th' ann an Grease Trap '99.
Tha James Muirhead, a tha ga chruthachadh, ag ràdh gu bheil an £10,000 a fhuair e a' leigeil leis obrachadh air làn-ùine.
Thuirt e gun do chuir e roimhe còmhradh a' gheama a bhith sa Ghàidhlig an dèidh dha geama oillteil Sona 2000 a chluich, a tha a' cleachdadh na Fionnlannais.
"Thàinig mi a-mach às le spèis do chultar na Fionnlainn agus an Fhionnlannais nach robh agam roimhe, agus dhrùdh e a-steach don fho-inntinn agam agus smaoinich mi, 'wow, nach e a bhiodh math rudeigin mar sin a dhèanamh don Ghàidhlig'," thuirt James.

Tha an t-airgead bho Alba Chruthachail ga chuideachadh barrachd oidhirp a dhèanamh le a chuid Ghàidhlig.
Thuirt e: "Tha e a' ciallachadh gun urrainn dhomh barrachd tìde a chur seachad ag ionnsachadh na Gàidhlig, a' dol gu clasaichean, agus pàigheadh cothromach a thoirt do na h-eadar-theangaichean agus cleasaichean gutha a tha ag obair còmhla rium."
Chleachd Mgr Muirhead cleasaichean le Gàidhlig airson sgeulachd Grease Trap '99 a lìbhrigeadh.
Tha an dràma a' leantainn neach-obrach na bùtha a lorgas rud neònach air a' chlàr-bhìdh agus a dh'fhàgas am baile gu lèir le acras nach gabh sàsachadh.
Bidh Mgr Muirhead a-nis ag amas air dreach nas leasaichte a dhèanamh dheth a thèid a thaisbeanadh aig fèisean geamaireachd air feadh Bhreatainn le dùil gun tèid a sgaoileadh gu coimeirsealta as t-samhradh.
Gheibhear liosta de na pròiseactan eile a fhuair taic bho mhaoin Alba Chruthachail an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An t-Ògmhios 2024

- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain 2018
