Naidheachdan 11:00m
Làbaraich
Thuirt Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Anas Sarwar, gur e fìor bhriseadh-dùil a th' ann gun do chuir am Partaidh Uaine na Làbaraich dhan treas àite ann am fo-thaghadh Gorton agus Denton ann an sgìre Mhanchester. Bha mòr-chuid faisg air 15,000 aig an tagraiche Uaineach, Hannah Spencer, san taghadh air an robhas a' coimhead mar dheuchainn do Sir Keir Starmer. Bha Reform UK san dàrna àite. Thuirt Anas Sarwar ron seo gum bu chòir dhan Phrìomhaire a dhreuchd fhàgail. Nì Anas Sarwar òraid aig co-labhairt nan Làbarach Albannach ann am Pàislig an-diugh anns an geall e plana airson dèiligeadh ri cion luchd-obrach ann an slàinte agus cùram sòisealta.
Seirbheis na Slàinte
Tha buidheann mheidigeach ag ràdh gu bheil cunnart ann nach mair an NHS san aon dreach mura bi co-obrachadh eadar na partaidhean aig Holyrood. Dh'iarr Colaiste Rìoghail Lighichean Dhùn Èideann air h-uile partaidh plana fhoillseachadh airson an NHS a shàbhaladh, agus thuirt iad mura tig tuilleadh airgid bhon riaghaltas nach gabh h-uile roinn san t-seirbheis shlàinte a ghlèidheadh.
Bill Clinton
Bheir Bill Clinton, a bha aig aon àm na cheann-suidhe sna Stàitean Aonaichte, fianais an-diugh fhathast dhan chomataidh sa Chòmhdhail a tha a' rannsachadh faidhlichean Epstein. Bha a bhean Hillary, a bha na rùnaire-stàite roimhe, mu choinneimh na comataidh an-dè.
Ospadal a' Bhelford
Tha dragh air luchd-iomairt mu chuid den phlana airson ospadal ùr sa Ghearasdan. Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh gu h-oifigeil dhan ospadal a chosgas faisg air £140m, ach tha feadhainn a' togail cheistean mu ghoireasan parcaidh agus aite san laigheadh heileacoptair.
Ìomhaigh
Tha fear a tha 38 an greim fo amharas gur e gràin-cinnidh as adhbhar do mhilleadh a rinn e air ìomaigh de Sir Winston Churchill ann am meadhan Lunnainn. Chaidh briathran an leithid "Stop the Genocide" agus "Free Palestine" a sgrìobhadh le peanta dearg air an ìomhaigh shnaidhte.