Plàc do dh'Anndra air a leagail bho Thalla-baile Inbhir Nis

Anndra Mountbatten-Windson Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

'S e fear de na tiotalan a bha uair aig Andrew Mountbatten-Windsor Iarla Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Chaidh plàc air taobh a-muigh Talla-baile Inbhir Nis a chuireadh ann nuair a chaidh Anndra Mountbatten-Windsor dhan bhaile ann an 2018 a thoirt a-nuas.

Bha e a' comharrachadh turas an t-seann phrionnsa airson an togalach fhosgladh às ùr gu foirmeil an dèidh obair ùrachaidh air.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach am plàc a thoirt air falbh bho far an robh e faisg air doras an togalaich Diciadain agus a chur ann an stòr.

'S e Iarla Inbhir Nis fear de na tiotalan a thug an Rìgh bho a bhràthair san Dàmhair.

Chaidh a chur an greim fo amharas mì-ghiùlain ann an dreuchd phoblach na bu tràithe air a' mhìos seo.

Tha Anndra-Mountbatten Windsor a' dol às àicheadh na casaide sin.

Dealbh air an taobh chlì a' sealltainn a' phlàc a bh' ann a' comharrachadh turas Anndra Mountbatten-Windsor a dh'Inbhir Nis ann an 2018, agus an dealbh air an taobh dheis a thogadh an dèidh mar a chaidh a thoirt air falbh
Fo-thiotal an deilbh,

Thugadh am plàc a chaidh fhoillseachadh ann an 2018 air falbh Diciadain

Tha comhairlean eile air a ràdh gum b' aithne dhaibhsan gu bheil plàcan sna sgìrean aca a' comharrachadh thursan Anndra Mountbatten-Windsor.

Tha Comhairle Dhùn Phrìs agus Gall-Ghàidhealaibh am measg na tha a' beachdachadh air dè a nì iad leotha.

Chaidh an seann phrionnsa a cheasnachadh aig stèisean a' phoilis ann an Norfolk mus deach a shaoradh fo rannsachadh.

Thuirt Poileas Thames Valley gun robh iad a' coimhead ri casaid gun tug e fiosrachadh dìomhair don eucoireach feise Jeffrey Epstein, nach maireann.

Tha e o thùs air a dhol gu làidir às àicheadh gun do rinn e càil ceàrr.