Ìomhaigh de bhòtann ga fhoillseachadh o chorp boireannaich a bhàsaich far Eilean Ì

Bòtann MeindlTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Poilis Alba ìomhaigh de bhòtann a bh' air boireannach a chaidh a lorg marbh far chosta Eilean Ì air an 23mh den t-Sultain 2025.

'S ann bho chompanaidh Ghearmailteach a thàinig na brògan - Meindl agus meud 8.5 a th' annta.

Cha robh ach dà bhùth gan reic anns an Rìoghachd Aonaichte agus chan eilear gan dèanamh tuilleadh. Thathar dòchasach a-nise gun aithnich cuideigin e.

Chaidh corp a' bhoireannaich a lorg còig mìle an iar air Eilean Ì. Chaidh rannsachadh foireansach a dhèanamh ann an Alba, aig ìre na Rìoghachd Aonaichte agus aig ìre Eòrpach ach cha deach aig na poilis air dèanamh a-mach cò bh' innte.

Chan eilear den bheachd gum bheil càil amharasach mun bhàs.

Bha am boireananch geal, mu shia troighean a dh'àirde, eadar 45-60 bliadhna agus meadhanach tapaidh.

Tha fianais a' dèanamh dheth gun robh i anns an uisge eadar ceithir is sia seachdainean.

Thuirt an t-Inspector Roddy MacNèill: "Tha sinn fhathast a' dèanamh sgrùdaidh a thaobh cò bh' anns a' bhoireannach seo agus tha sinn airson a tilleadh gu a luchd-gaoil.

"Tha sinn a-nise ag obair le dùthchannan eile air taobh a-muigh na Roinn Eòrpa - Canada agus na h-Eileanan Fàrach nam measg - feuch an ann às an sin a bha i."

Thuirt e gun robh am bòtann neo-àbhaisteach agus seach nach deach an reic tric anns an Rìoghachd Aonaichte, gun robh iad dòchasach gun tigeadh rud às a bhith a' foillseachadh na h-ìomhaigh.

Ma tha fiosrachadh sam bith aig duine, cuiribh fios gu Poileas Alba air 101.

' S e àireamh na cùise 1564 on 23 den t-Sultain 2025.