Fiaclairean ùra a dhìth le cabhag an Uibhist

Dh'iarradh Dòmhnall MacIllEathain an aon ìre seirbheis 's a bh' ann roimhe air a' char as lugha
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Bheàrnaraigh a' cur ìmpidh air NHS nan Eilean Siar fiaclairean ùra fhastadh do dh'Uibhist le cabhag, an dèidh don dithis a bha ris an obair san sgìre an dreuchdan fhàgail.
Bha ceathrar fhiaclairean aig aon àm eadar trì ionadan ann an Lionacleit, Loch nam Madadh agus Loch Baghasdail.
Chaidh hub fiaclaireachd fhosgladh, le connspaid, aig Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Beinn na Faoghla ann an 2024, a' toirt nan seirbheisean còmhla, air chosgais £1.44m, le dithis fhiaclairean ag obair ann làn-ùine.
Bha moladh mòr ga dhèanamh air an t-seirbheis a bhathas a' tabhainn, ach thàinig e am bàrr san Dùbhlachd an-uiridh gun robh an dithis sin a' fàgail, rud a dh'fhàg gun tuirt comhairliche ionadail gun robh "an t-seirbheis air a toirt às a chèile".
Tha muinntir Bheàrnaraigh a-nise air bruidhinn a-mach mun t-suidheachadh.
"Tha a bhith a' call aon fhiaclair dearmadach, ach 's e cùis-eucoir a th' ann na dhà a chall," thuirt Barbara Hunter, a th' air a bhith a' fuireach am Beàrnaraigh 'son 25 bliadhna.
"Tha an dearg-chaothach oirnn, bhon cha robh còir aige seo tachairt idir."
Chuir Comhairle Coimhearsnachd Bheàrnaraigh athchuing air dòigh ag iarraidh gun glèidhear an aon ìre seirbheis 's a bh' ann bhon uair sin.
"Sin agad an tàmailt gun do chaill sinn dhà, a bha cuideachd daoine cho eòlach orra," thuirt Iar-Chathraiche na comhairle coimhearsnachd, Dòmhnall MacIllEathain.
"An rud a bu thoil leinn fhaicinn, 's e an suidheachadh a bh' ann ron seo air ais.
"Dà fhiaclair làn-thìde ann am Beinn na Faoghla - chan eil mise a' faicinn gun obraich càil nas lugha na sin."

Tha dragh mòr air Barbara Hunter nach eil seirbheis stèidhichte ann an Uibhist tuilleadh
Chaidh mu 80 ainm a chur ris an athchuing, a' togail air dragh mun bhuaidh a bheireadh gainnead seirbheis air muinntir Bheàrnaraigh, gu h-àraid daoine nas sine, clann agus boireannaich leatromach.
Chaidh draghan a thogail cuideachd mu ghainnead cobhair èiginnich.
Thuirt Mgr MacIllEathain gun robh cobhair èiginneach ri fhaighinn sa bhad nuair a bha dithis fhiaclairean ann, ged nach eil e cinnteach mun sin a-nise.
"Nam biodh èiginn aig duine chìtheadh iad an aon là thu," thuirt e.
"Chan eil fhios agam dè tha a' tachairt a-niste nam biodh èiginn ann - 's dòcha gum biodh mìos mun tigeadh an locum. 'S e uallach a tha sin."
Tha a' Bh-Ph. Hunter ag ràdh nach eil iad air mòran fiosrachaidh fhaighinn bho NHS nan Eilean Siar mun t-seirbheis eadar-amail a bhios ri fhaighinn.
"Saoilidh mi gur e an aon fhacal a chualas gu h-oifigeil gum bi fiaclairean locum ann," thuirt i.
"Niste feumaidh iadsan siubhal tha mi an dùil bho thìr-mòr, ach chan eil fhios againn ciamar no cuin, 's mar sin tha sinn fhathast san dorchadas."

Dh'fhàg an dithis fhiaclairean a bha stèidhichte ann am Beinn na Faoghla o chionn ghoirid
Thuirt NHS nan Eilean Siar:
"Gu mì-fhortanach tha dreuchdan bàna fiaclaireachd air nochdadh gun dùil againn ris, agus tha sinn a' sanasachd an-dràsta airson gach cuid Uibhist agus Barraigh.
"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil seo na adhbhar dragh don choimhearsnachd ionadail, agus tha sinn duilich airson an t-suidheachaidh dhùbhlanaich a th' ann.
"Tha am Bòrd fhathast fo ghealltanas gum bi triùir fhiaclairean agus luchd-taice ann an Uibhist, le dreuchd an Àrd-Oifiear Fiaclaireachd na dreuchd ùr leasaichte."
Thuirt iad gu bheil "oidhirpean nach beag" a' leantainn a thaobh fastaidh, agus gu bheil seirbheis èiginneach ann san eadar-ama.