Rothaiche air fhìor dhroch leòn an tubaist am meadhan Inbhir Nis

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu sgìre a' Chrùin ann an Inbhir Nis Diciadain
- Air fhoillseachadh
Chaidh rothaiche, 30, fhìor dhroch ghoirteachadh an dèidh tubaist le càr ann an Inbhir Nis.
B' e càr Peugeot liath a bh' ann agus thachair an tubaist air Rathad Southside aig ceann-rathaid Rathad Kingsmill goirid ro 4:00f Diciadain.
Tha na poilis ag ràdh gun deach am fireannach a bh' air a' bhaidhseagal a thoirt dhan ospadal airson cùraim. Cha ceach duine sam bith eile a ghoirteachadh.
Thuirt an Conastabal Jordan Scott: "Tha mi ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist agus nach do bhruidhinn ri oifigearan fhathast fios a chur oirnn. , taobh a-muigh
"Dh'iarrainn orrasan a bha a' dràibheadh san sgìre aig an àm, neo daoine le CCTV prìobhaideach faisg air làimh, sùil a thoirt air na chaidh a chlàradh feuch a bheil càil cudromach ann."