"Dèan bùrach 's nàirich thu fhèin"

Rob MacNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'ionnsaich Rob MacNeacail cur a-mach an loidhne o chionn trì bliadhna

LeAilean PeutanBBC NaidheachdanagusTeàrlach QuinnellBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Thèid film ùr mu sheinn nan salm a shealltainn son a' chiad uair aig Fèis Fhiolmaichean Ghlaschu air an deireadh-sheachdain sa.

'S e "Sailm nan Daoine" tiotal an fhilm, a tha a' leantainn Rob MhicNeacail is e a' siubhal bho Leòdhas dhan Eilean Sgitheanach is a-null a dh'Èirinn gus barrachd ionnsachadh mun dòigh adhraidh.

"B' e a' chiad rud a chanadh m' athair nuair a rinn e bùithdean-obrach sgrìobhaidh, bhon bha e na bhàrd, 's e a' chiad rud 'dèan bùrach 's nàirich thu fhèin'," thuirt Rob.

Anns an fhilm, tha Rob a' dol nas doimhne dhan dualchas a thog e aig glùin athar, am bàrd Aonghas Dubh MacNeacail nach maireann, le bhith a' gabhail cuairt, a' tòiseachadh ann an Eaglais Shaor Sgìre a' Bhac ann an Leòdhas le Calum Màrtainn.

"'S e urram cho mòr a bh' ann gun tug e cuireadh dhomh tighinn suas agus a bhith a' cur a-mach an loidhne air a' Bhac, oir nam bheachd-sa 's e seòrsa de rud Dualchas na Cruinne a th' aca an sin," thuirt Rob.

"Bha sinn ann an Cille Mhoire cuideachd, agus tha mi eòlach air a' choimhearsnachd an sin oir 's iadsan a sheall dhomh ciamar a bhios tu a' cur a-mach an loidhne 's dòcha trì bliadhna air ais.

"Tha an obair a tha iadsan air a bhith ris dìreach cho cudromach agus cho mìorbhaileach, chanainn."

Seinn sailm
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Rob a' ruith bhùithdean-obrach far an teagaisg e cur a-mach an loidhne

Bidh Rob ri bùithdean-obrach, a' teagasg mar bu chòir do dhaoine a bhith a' cur a-mach an loidhne, uile san dòigh neo-àbhaisteach aige fhèin.

"Tha e caran anns an t-saoghal, agus a-mach às an t-saoghal aig an aon àm," thuirt stiùiriche an fhilm, Jack Archer.

"Thug Rob an dealas aige, ach tha deagh chraic ann, agus tha mi an dòchas gun tig sin tarsainn san fhilm, oir tha amannan uabhasach èibhinn ann.

"Tha amannan ann a tha làn faireachdainn, ach tha dìreach rudeigin mu dheidhinn Rob a tha èibhinn. Saoilidh mi gur ann a dh'aona-ghnothach a tha e mar sin a' mhòr-chuid den ùine."

'S e seinn Ghàidhealach nan salm a nochdadh do dhaoine a bha fa-near dha air a chuairt, agus às Cille Mhoire, rinn e air Béal Feirste, agus an uair sin Cúil Aodha, ann an Gaeltacht Mhúscraí, Contae Chorcaí.

Bha e ag ionnsachadh agus a' teagasg salmaireachd ann an àite sam bith a gheibheadh e èisteachd.

"Bha m' athair, Aonghas MacNeacail am bàrd, bha esan an-còmhnaidh a' faireachdainn gu robh Èirinn caran coltach ris a' Mhotherland no rudeigin mar sin," thuirt e.

"Sin am faireachdainn a bh' aige, agus bha mi a' tuigsinn carson a bha e a' faireachdainn mar sin nuair a bha mi ann."

Dh'fhàg an turas seo Rob nas dòchasaiche gun lean daoine orra a' seinn nan salm san àm ri teachd.

Is gu pearsanta, thug e beagan fois dha, an dèidh athair a chall.

"'S e rud uabhasach prìseil a th' ann, agus tha mi uabhasach fortanach gu bheil mi air an cothrom seo fhaighinn a bhith a' pròiseasadh rudeigin mar sin anns an dòigh seo, oir tha seòrsa de record agam dheth sin," thuirt e.

"Tha mi uabhasach fortanach gu bheil sin agam."

Bidh am film - Sailm nan Daoine - ri fhaicinn aig Fèis Fhilmichean Ghlaschu Didòmhnaich seo tighinn.