Cead-dealbhaichaidh ga iarraidh airson ospadal ùr sa Ghearasdan

- Air fhoillseachadh
Chaidh iarrtas oifigeil a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd airson ospadal ùr a thogail sa Ghearasdan.
Gabaidh e àite Ospadal a' Bhelford a tha mu 60 bliadhna de dh'aois agus nach eil a' freagairt tuilleadh air feumalachdan slàinte a' phobaill.
Cosgaidh e £137m agus thèid a thogail air làrach air a' Bhlàr Mhòr, faisg air Caol a' Ghearasdain.
Tha luchd-iomairt air draghan a nochdadh mu cho fada agus a thug e faighinn chun na h-ìre seo agus 10 bliadhna on chaidh an talamh a cheannach.
Ged a tha iad air an dòigh gu bheil "ceum eile ga ghabhail", tha dragh air Buidheann an Luchd-ùidhe fhathast mu chuid de rudan.
Ospadal nas motha air fàire dhan Ghearasdan
- Air fhoillseachadh27 An Lùnastal 2025
Neil Gray: 'Chan eil Ospadal a' Bhelford ann an staid math gu leòr'
- Air fhoillseachadh24 An Dàmhair 2024
"Fearg" mu ospadal Loch Abair
- Air fhoillseachadh2 An t-Samhain 2022
Dragh às ùr mu ospadal Loch Abair
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt 2021
Thuirt an Dr Mìcheal Foxley, ball den bhuidhinn agus seann cheannard Comhairle na Gàidhealtachd: "A-muigh, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil àitichean-pàircidh gu leòr ann, agus bidh coinneamh againn am beagan sheachdain mun sin.
"Feumaidh sinn raon-laighe airson heileacoptair faisg air làimh agus taobh a-staigh an togalaich tha sinn fhathast a' strì gus am faigh sinn seòmar endoscopy fa leth.
"Agus 's e an rud as motha dèanamh cinnteach gu bheil àite freagarrach dhaibhsan le trioblaidean slàinte-inntinn, trioblaidean le deoch-làidir is drugaichean leis nach eil àite sàbhailte an-dràsta ann an Loch Abar agus 's e easbhaidh mhòr a tha sin."
Dh'fhaodadh gun tòisich obair-togail san Damhair 2027, ged a bha dùil roimhe gur ann am-bliadhna a thòisicheadh e.
Dhearbh Rùnaire na Slàinte, Niall Gray, san Dàmhair an-uiridh nach eil clàr-ama dearbhte ann airson a' phròiseict.