Naidheachdan 11:00m
Na Clintons
Bheir Hillary Clinton, a bha na Rùnaire Stàite anns na Stàitean Aonaichte, fianais dhan Chòmhdhail an-diugh fhathast mu cheanglaichean sam bith a bh' aice ri Jeffrey Epstein. Bheir an duine aice, Bill Clinton, a bha na cheann-suidhe, fianais seachad a-màireach. Thuirt Hillary Clinton nach eil cuimhne aice coinneachadh riamh ri Epstein, agus thuirt Bill Clinton gun do gheàrr esan a cheanglaichean ris an eucoireach feise nuair a chaidh a chur an grèim ann an 2019.
Comraich
Bha beagan a bharrachd air 100,000 tagradh airson comraich san Rìoghachd Aonaichte an-uiridh - 4% nas lugha na bh' ann ann an 2024. Agus dh'innis Oifis na Dùthcha gun do thuit an àireamh inimreach a' fuireach ann an taighean-òsta gu 36,000 - an ìre as lugha ann an 18 mìosan.
Iran
Thuirt an Ceann-Suidhe Iràinianach nach eil a dhùthaich a' togail armachd niuclasaich agus nach eil sin nam beachd. Bha e a' bruidhinn mus bi coinneamh ann an Geneva an-diugh mu phrògram niuclasach Tehran.
Sgeinean
Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead ri smachd nas motha air reic sgianan an dèidh bàs le ionnsaigh sgeine ann an Dùn Èideann. Tha fear a tha 16 bliadhna de dh'aois fo chasaid gur esan a mhuirt John Mcnab san t-Sultain an-uiridh. Tha a mhàthair-san, Lisa Petrie, ag iomairt airson sgianan a chumail ann an àite glaiste gus an tèid an reic.
Comhairlean
Bidh na h-uimhir de dh'ùghdarrasan ionadail eile na h-Alba a' dearbhadh na cìse-comhairle aca an-diugh. Tha a h-uile àrdachadh gu ruige seo air a bhith os cionn ìre na h-atmhorachd, a th' aig 3%. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur romhpa gur e àrdachadh 7% a bhios anns a' chìs-chomhairle acasan nuair a bhios iad a' deasbad sin an ath-sheachdain.
Am Post Rìoghail
Chaidh àrd-oifigich a' Phuist Rìoghail a ghairm chun na Pàrlamaid a fhreagairt cheistean mu lìbhrigeadh litrichean. Thuirt Liam Byrne, cathraiche Comataidh a' Ghnothachais agus na Malairt, gum feum na ceannardan innse carson a tha an t-seirbheis cho truagh. Thuirt am Post Rìoghail gun toir sin cothrom dhaibh innse mun atharrachadh a tha a' dol air adhart aig a' chompanaidh.