Geama bhideo le Gàidhlig 'eagalach'

Fo-thiotal a’ bhidio,

  • Air fhoillseachadh

Chaidh geama bhideo ùr fhoillseachadh o chionn ghoirid agus tha e coltach gu bheil iad a' cleachdadh Gàidhlig gus an t-eagal a chur air daoine.

Tha 'Still Wakes The Deep' stèidhichte air clàr-ola anns a' Chuan a' Tuath far a bheil cùisean eagalach a' tachairt.

Agus airson a' chiad turais ann an geamaichean de a leithid, tha iad a' cleachdadh òrain Ghàidhlig agus fo-thiotalan Gàidhlig.

Tha Stephen MacLeòid ag aithris.

(Dealbhan bho The Chinese Room/Secret Mode)