Traca fuaime Gàidhlig airson geama bhideo
- Air fhoillseachadh

Dealbh bho The Bard's Tale IV Barrows Deep
Tha luchd-ciùil Gàidhlig air òrain a chlàradh airson geama bhideo ùir, The Bàrd's Tale IV Barrows Deep.
Tha a' bhana-phìobaire agus an seinneadair Rona Lightfoot, 82, agus Peigi Barker, 16, am measg nan seinneadairean a chluinneas daoine anns a' gheama.
Bha Peigi Barker roimhe a' dèanamh guth Merida Òg anns an fhiolm Brave aig Disney.
B' e Ged Grimes bho Simple Minds a chuir an traca fuaime ri chèile.
Tha còrr air 30 òran anns a' gheama, fear le còisir Ghàidhlig nam measg.
B' e Rona Lightfoot à Uibhist a Deas a' chiad bhoireannach a ghabh pàirt ann am farpais chliùiteach na Brataich Guirme aig Comann Pìobaireachd Lunnainn.
Thogadh Peigi Barker ann an Ceasag a Tuath anns an Eilean Dubh.

Tha an geama stèidhichte air Ghàidhealtachd anns an 18mh Linn.
Tha 30 bliadhna bho thàinig a' chiad gheama Bard's Tale a-mach.
Tha The Bàrd's Tale IV Barrows Deep stèidhichte air Ghàidhealtachd anns an 18mh Linn.