Naidheachdan 11:00m
Ionnsaighean air Iran
Thuirt Israel gu bheil iad a' toirt ionnsaigh air na prìomh bhailtean ann an Iran agus ann an Lebanon. Tha arm Israel ag ràdh gu bheil iad ag amas air siostaman dìon-adhair Irain an dèidh ionnsaighean a thoirt air togalaichean telebhisein agus rèidio na stàite ann an Tehran. Thuirt na Stàitean Aonaichte gun do chuir na h-ionnsaighean acasan tron oidhche às do shiostaman dìon, raoin-adhair agus goireasan airm eile ann an Iran. Agus tha Washington a' tarraing an luchd-obrach diplòmasach dhachaigh an dèidh ionnsaighean Irainianach air dùthchannan eile san Ear-Mheadhanach.
Prìsean Connaidh
Tha prìsean ola 's gas a' sìor èirigh le buaidh a' chogaidh. Dhùin Iran prìomh shlighe tro Chaolas Hormuz agus thàinig na h-uimhir de thancairean ola fo ionnsaigh an sin. Thug Iran ionnsaigh cuideachd air ionadan-ola agus gas ann an dùthchannan mun cuairt orra.
Òraid an Earraich
Nì an Seansalair Rachel Reeves Òraid an Earraich feasgar stèidhichte air an fhiosrachadh as ùire mu eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte. Chan eil dùil ri dad ùr bhuaipe a thaobh poileasaidh, buidseit neo cìsean. Agus chan eil dùil nas motha gum bi cus aice ri ràdh mu bhuaidh a dh'fhaodadh tighinn às na tha a' tachairt san Ear-Mheadhanach.
Binnean Cùirte Ùra airson Èigneachaidh
Tha stiùireadh ùr a' tighinn gu bith ann an Alba an-diugh a thaobh binn cùirte ann an cùisean èigneachaidh. Bidh cead aig britheamhan binn eadar trì agus còig bliadhna òrdachadh air feadhainn a thèid a dhìteadh, agus binn eadar seachd agus 14 bliadhna airson èigneachadh air leanabh. Tha na molaidhean ùra ag amas air cothromachd san t-siostam agus breithneachadh air a' bhuaidh a bheir èigneachadh air feadhainn dhan tachair sin.
Trafaig an Loch Abar
Chuir ceannardan gnothachais ann an Loch Abar fàilte air co-chomhairleachadh mu thrioblaidean trafaig sa Ghearasdan. Tha maill mhòr gu math tric air trafaig air rathad an A82 tron bhaile gu h-àraid aig àirde seusan na turasachd. Bidh cothrom aig daoine beachd a chur ris a' cho-chomhairle air-loidhne, air pàipear agus aig tachartas poblach sa bhaile air an 17mh den mhìos seo.