Duaisean Litreachais na Gàidhlig 2024

- Air fhoillseachadh
Chaidh oidhche mhòr nan Duaisean Litreachais a chumail ann an Glaschu is Comhairle nan Leabhraichean air moladh mòr a dhèanamh air ìre na h-obrach.
Bha an tachartas ann an Taigh-cluiche Cottiers oidhche Mhàirt.
Am measg na shoirbhich, chaidh Duais Ruairidh MhicThomais airson bàrdachd a bhuileachadh air Rody Gorman airson cruinneachadh air a bheil "Sa Chnoc".
Bha leabhar eile leis a-staigh airson duais cuideachd: Sweeney - an intertonguing.
"Gaol, bàs, aois - 's e na h-aon chuspairean a th' agam fad na tìde an ìre mhath," thuirt e.
"Saoilidh mi nach e na cuspairean fhèin as cudromaiche, ach mar a tha thu a' gabhail gnothaich riutha.
"An sealladh a th' agad fhèin air na cuspairean.
"Tha e air aithris gum biodh na bàird bho shean, nuair a bhiodh iad a' cur ri bàrdachd, gum biodh iad a' dol sa chnoc, agus gur e sin an t-àite sam biodh iad a' dèanamh an cuid bàrdachd.
"Sin a thug orm sin a ghabhail mar thiotal air a' chruinneachadh," thuirt e.
Cha bheag a tha a bhith a' buannachadh na duaise seo a' ciallachadh dha, thuirt e.
"Tha e a' ciallachadh gu bheil luchd-leughaidh na Gàidhlig, agus luchd-breithneachaidh na Gàidhlig, gu bheil iadsan a' cur earbsa ann am beagan de na tha mi a' sgrìobhadh," thuirt e.
"Agus gu bheil iad a' cur taic rium, agus gu bheil iad ag aithneachadh ma dh'fhaoidte, na tha fa-near dhomh anns na tha mi a' sgrìobhadh.
Rody Gorman a' bruidhinn ri Eilidh NicÌomhair
"Agus leis cho beag 's a tha saoghal na Gàidhlig fhèin, agus leis cho beag 's a tha saoghal sgrìobhadairean na Gàidhlig, agus saoghal sgrìobhadh na Gàidhlig, tha e an ìre mhath ag innse dhut gu bheil na h-eòlaichean agus na caraidean agad, gu bheil iad a' cur earbsa san obair a tha thu a' dèanamh.
"So 's e urram dha-rìribh a th' ann," thuirt e.
Bhuannaich Gwen Bowie an duais airson An Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do Chloinn leis an leabhar aice "Casan Dhonaidh".
Choisinn Mòrag Stiùbhart duais airson An Leabhar as Fhèarr do Chloinn/Òigridh leis an eadar-theangachadh a rinn i air "Tiger an iomagain".
'S i Shelagh Chaimbeul a fhuair an duais airson An Leabhar Fhicsein as Fheàrr ann 2024 (Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn) le “Far na Slighe”.
Fhuair Seonaidh Charity an duais airson An Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich ann an 2024 le "An Taobh Dorcha".
Agus 's i Joni Bhochanan a fhuair duais An Leabhar Neo-fhicsein as Fheàrr 2024 (Duais Dhòmhnaill Meek) le “Women of the Hebrides / Ban-eileanaich Innse Gall."