Tòiseachadh ùr do Bhanca Bìdh na Gàidhealtachd

Jeremy Ros, Rebecca Poole agus James DunbarTùs an deilbh, NEW START HIGHLAND
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Banca Bìdh na Gàidhealtachd a ghabhail thairis leis a' bhuidhinn New Start Highland.

Bha am banca bìdh, a bheir taic do chòrr air 5,000 duine gach bliadhna, roimhe ga ruith le Blythswood Care airson 20 bliadhna.

Chan atharraich mar a tha an goireas ga ruith, no na h-uairean fosglaidh.

'S e sgioba bheag de luchd-obrach pàighte agus còrr is 70 duine saor-thoileach a tha ga ruith, eadar Inbhir Nis, Inbhir Narann, Alanais, Baile Dhubhthaich agus Inbhir Pheofharain, ann an co-bhann le Urras Trussell.

"An dèidh dhuinn comharrachadh 25 bliadhna de fhrithealadh na coimhearsnachd againn, tha sinn air a bhith a' coimhead ri dòighean ùra anns an toir sinn buaidh nas fharsainne," thuirt Àrd-Stiùiriche New Start Highland, James Dunbar.

"Tha e a' faireachdainn mar cheum nàdarra dhuinn a bhith a' gabhail thairis Banca Bìdh na Gàidhealtachd, 's e gu math coltach ris na seirbheisean a bheir sinn seachad mar thà do dhaoine a th' ann an èiginn."

Thuirt e gun obraich a' bhuidheann còmhla ris an sgioba aig Blythswood airson an t-atharrachadh a dhèanamh cho furasta 's a ghabhas.

New Start HighlandTùs an deilbh, NEW START HIGHLAND
Fo-thiotal an deilbh,

Tha New Start Highland air a bhith a' cuideachadh dhaoine ann an èiginn fad còrr is 25 bliadhna

Tha New Start Highland air a bhith a' cuideachadh dhaoine gus am beatha a chur air ais air slighe fad còrr air 25 bliadhna, eadar taic taigheadais, comas-obrach, àrnais dàrna-làimh agus cothroman saor-thoileach.

"Tha soirbheachas Banca Bìdh na Gàidhealtachd thairis air an 20 bliadhna mu dheireadh na theisteanas chan e a-mhàin air an sgioba, ach dealas nan saor-thoileach agus taic làidir na coimhearsnachd," thuirt Àrd-stiùiriche Blythswood Care, Jeremy Ros.

"Tha sinn a-niste ga chur fo smachd ar co-bhuidhne carthannais New Start Highland le misneachd. Tha mòran den luchd-cleachdaidh againn air buannachd fhaighinn o na seirbheisean aca mar thà, tro thrèanadh, taigheadas agus eile, a' fàgail gu bheil am Banca Bìdh ann an làmhan sàbhailte 'son a dhol bho neart gu neart."

Tha New Start Highland a-niste a' sireadh dhaoine saor-thoileach a bharrachd airson cuideachadh leis a' Bhanca Bhìdh agus thairis air a' bhuidhinn san fharsainneachd.