
Tha aon phàrant anns gach deichnear ag ràdh gu bheil dùil aca feum a chur air banca bìdhe thar nan trì mìosan a tha romhainn gus biadh a chumail ri an teaghlaichean.
Tha bancaichean bìdhe air feadh na dùthcha ag innse gu bheil na tha de dhaoine a' tighinn thuca a' dol suas.
Tha Banca Bìdhe na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis nam measg.
Tha draghan ann cuideachd mu mar a tha a-niste barrachd theaghlaichean òga a' sireadh taic bhuapa.
"Thuige seo, 's ann na sine na 50 a bha a' mhòr-chuid den fheadhainn a thigeadh thugainn, agus a' mhòr-chuid aca singilte," thuirt Iain MacCoinnich bhon bhuidhinn charthannais eaglaise Inverness Foodstuffs.
"Ach a-niste, airson a' chiad uair, tha sinn a' faicinn theaghlaichean, le cloinn, a' tighinn thugainn a dh'fhaighinn gach cuid biadh teth bhuainn, agus bidh sinn cuideachd a' ruith bùird far am faod daoine tighinn a thoirt bìdhe air falbh.
"Tha iarrtas airson sin air èirigh cuideachd - gu seachd-àraid bho theaghlaichean.
"Agus bidh sinn gu tric a' stiùireadh dhaoine chun a' bhanca bhìdhe.
"An-uiridh, stiùir sinn dusan neach dhan bhanca bhìdhe.
"Stiùir sinn 21 neach thuige air a' chiad trì mìosan den bhliadhna seo," thuirt e.