Barrachd taic riaghaltais 'son geòidh-ghlasa an Uibhist a spadadh

Gèadh-glas le feur agus speur gormTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar a' coireachadh nan gèadh-glas airson feur 's lusan dùthchasach na machrach an Uibhist a mhilleadh

  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air £20,000 a bharrachd a thoirt seachad airson geòidh-ghlasa an Uibhist a mharbhadh.

Bidh na mìltean de na h-eòin ag ithe feur na machrach cho math ri bàrr a tha a' fàs ann.

Thuirt Caidreachas nan Croitearan (SCF) sa Ghearran gun robh cus ghèadh ann agus dh'iarr iad barrachd taice airson lùghdachadh a thoirt air na th' ann dhiubh.

Thuirt Ministear an Àiteachais Jim Fairlie gum biodh a-nis £30,000 ri fhaotainn sa bhliadhna airson smachd a chumail air na h-eòin an Uibhist.

Thuirt Mgr Fairlie gur e a' mhachair aon de "na h-àrainnean as mìorbhailiche" an Alba agus gun robh e mar dhleastanas dìon a thoirt air na tha a' fàs agus a' tighinn beò oirre.

"'S ann mu dheidhinn a bhith a' cumail bìdh ri daoine agus a' glèidheadh na h-àrainneachd a tha obair chroitearachd thraidiseanta," thuirt e.

Thuirt ministear an àiteachais gun do rinn na bha de gheòidh-ghlasa "cron nach beag" air bàrr, agus gun robh aig croitearan ri feur a ghearradh nas tràithe sa bhliadhna airson 's gum biodh fodar geamhraidh aca airson an cuid chruidh.

Bha seo, thuirt am ministear, a' toirt droch bhuaidh air eòin thearc mar an traon, agus air dìtheanan na machrach.

Bha buidheann thar-phàrtaidh Holyrood air croitearachd cuideachd air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh barrachd maoineachaidh do sgeamaichean spadadh le gunna.