Beachd gun deach teine a chur ri taigh an Inbhir Nis a dh'aona-ghnothach

Thuirt na poilis gun deach fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 01:00m sa mhadainn
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh teine a chur thuige a dh'aona-ghnothach an uairean beaga na maidne ann an Inbhir Nis.
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu taigh ann an Slighe a' Bhucht mu 01:00m sa mhadainn Dimàirt.
Chan eil aithrisean ann gun deach duine a ghoirteachadh.
Thuirt na poilis gun robh iad den bheachd gun do thòisich cuideigin an teine a dh'aona-ghnothach, agus dh'iarr iad air duine sam bith as aithne càil mu dheidhinn a thighinn air adhart., taobh a-muigh
Thuirt an Detective Sàirdseant Laura NicAoidh: "Gu fortanach cha deach duine a ghoirteachadh san tachartas ach dh'fhaodadh a' chùis a bhith mòran na bu mhiosa.
"Tha sinn ag iarraidh air daoine a dh'fhaodadh a bhith air càil amharasach fhaicinn timcheall air 01:00m ann an sgìre Slighe a' Bhucht fios a chur oirnn."
Thuirt na poilis gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn agus dh'iarr iad air daoine sùil a thoirt air na dealbhan neo CCTV prìobhaideach aca.