Cùmhnant airson LOTI ùr gus a dhol a-mach gu tairgse

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Rùnaire na Còmhdhail gun tèid an cùmhnant airson aiseag ùr a thogail do dh'Uibhist a Deas a-mach gu pròiseas tairgse àbhaisteach.
A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar Dimàirt, thuirt Fiona Hyslop gun tèid an cùmhnant a thoirt seachad nas fhaide air a' bhliadhna.
Aig an dearbh àm ge-tà, thuirt i gun tèid cùmhnantan airson aiseagan ùra do Chaolas Bharraigh is Caolas na Hearadh a thoirt gu dìreach gu Gàrradh MhicFhearghais.
Bha Rùnaire na Còmhdhail air innse roimhe aig àrd-choinneimh mu sheirbheisean aiseig ann an Uibhist an-uiridh gum biodh maoineachadh sa bhuidseat am-bliadhna airson bàta-aiseig ùr do dh'Uibhist a rachadh an àite an Lord of the Isles.
Às dèidh sin, thòisich iomairt ann an Inbhir Chluaidh gus an cùmhnant a thoirt gu dìreach gu Gàrradh MhicFhearghais.
Thuirt luchd-poileataigs is aonadh an GMB gun robh e deatamach dhan ghàrradh obair fhaighinn ma bha e gus a bhith buan.
LOTI ùr: Feum air "pròiseas cothromach, laghail is earbsach"
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2025
"Feumaidh an LOTI ùr a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais"
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2025
LOTI ùr: "Feum air an aonta as fheàrr 'son choimhearsnachdan eileanach"
- Air fhoillseachadh4 An Dùbhlachd 2025
Aig an dearbh àm, chaidh luchd-iomairt ann an Uibhist air an casan is iadsan ag ràdh gum feumadh pròiseas tairgse àbhaisteach a bhith ann.
Thuirt Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist nach bu chòir "cleas poilitigeach" idir buaidh a thoirt air a' ghnothach.
Bidh am brath a thàinig bho Rùnaire na Còmhdhail na fhaochadh dhaibhsan.
"Cuiridh CMAL air adhart pròiseas tairgse airson aiseag ùr a thèid an àite an MV Lord of the Isles gus taic a chumail ri muinntir is eaconomaidh Uibhist a Deas," thuirt Fiona Hyslop.
"Choinnich mi ri eileanaich ann an Uibhist a Deas an-uiridh agus tha an naidheachd seo, a thuilleadh air airgead a chosg air cidhe Mhàlaig a leasachadh agus adhartas ann an Cùis Gnothachais Ghàsaidh, a' sealltainn mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail taic ris a' choimhearsnachd sin."
Plana airson Cidhe Ghàsaigh ga fhoillseachadh
- Air fhoillseachadh13 An t-Sultain 2023
Dà shoitheach ùr air Caolas na Hearadh?
- Air fhoillseachadh26 An t-Sultain 2025
CalMac a' gearan mu phort Àird Rosain
- Air fhoillseachadh30 An Giblean 2024
Ged a bhios e na bhriseadh-dùil dhan luchd-iomairt air Chluaidh nach tèid an LOTI ùr a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais, bha deagh naidheachd ann dhaibh le dearbhadh gun tèid dhà de na h-aiseagan beaga ùra aig CalMac a thogail aig a' ghàrradh gun an cur a-mach gu tairgse idir.
'S ann air slighean Chaolas Bharraigh is Caolas na Hearadh a bhios na h-aiseagan.
Tha iad seo san dàrna pàirt de Phrògram Ùrachaidh nan Aiseagan Beaga, is obair air tòiseachadh mar-thà air seachd bàtaichean beaga ùra a thogail do ChalMac aig gàrradh anns a' Phòlainn.
Thèid cùmhnantan gu dìreach gu Gàrradh MhicFhearghais cuideachd airson soitheach rannsachaidh mara is soitheach dìon mara a thogail.
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, gum fosgail na ceithir cùmhnantan cothrom air taic-airgid £14.2m gus Gàrradh MhicFhearghais ùrachadh.
"'S e fìor dheagh naidheachd a tha seo do Ghàrradh MhicFhearghais, coimhearsnachdan eileanach agus Inbhir Chluaidh," thuirt i.
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Draghan ùra an Uibhist a Deas mun LOTI ùr is Gàrradh MhicFhearghais
- Air fhoillseachadh22 An Dùbhlachd 2025
"Co-dhùnaidhean cruaidh" air seirbheisean aiseig na h-Alba
- Air fhoillseachadh3 An t-Sultain 2024
Dh'fhàg am BPA Làbarach Gàidhealach Rhoda Ghrannd air Riaghaltas na h-Alba gun robh iad air an naidheachd fhoillseachadh le sùil air taghadh na h-Alba sa Chèitean.
"Tha am brath seo coltach ris mar a chaidh an Glen Sannox a chur air bhog is uinneagan air am peantadh oirre," thuirt i.
A thuilleadh air na cùmhnantan, dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba cuideachd Dimàirt gun tèid còrr is £107m a chosg air leasachadh mòr aig Port Ìlein ann an Ìle, agus gun tèid Cidhe Àird Rosain a thoirt a-steach dhan roinn phoblaich.
Thàinig air an riaghaltas an cidhe a cheannach bho Peel Ports is na h-aiseagan ùra 'son Eileann Arainn ro mhòr air a shon is feum air an cidhe a leasachadh.
Cha do dhearbh Fiona Hyslop dè chosg an t-aonta ach thuirt i gum bi buannachdan ann san ùine fhada.