LOTI ùr: "Feum air an aonta as fheàrr 'son choimhearsnachdan eileanach"

Gàrradh MhicFhearghais
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gum feum cùmhnant airson soithich a thèid an àite an MV Lord of the Isles dèanamh cinnteach gum faighear an t-aonta as fheàrr a th' ann 'son choimhearsnachdan is ghnothachasan eileanach.

Bha Iain Swinney a' freagairt ceist aig Holyrood bho BhPA SNP Inbhir Chluaidh, Stiùbhart Mac a' Mhaolain.

Dh'iarr Mgr Mac a' Mhaolain soillearachadh air a bheil Riaghaltas na h-Alba am beachd an cùmhnant a thoirt gu dìreach do Ghàrradh MhicFheargais.

Tha iomairt air tòiseachadh ann an Inbhir Chluaidh gus an tachair sin is luchd-poilitigs ionadail a' cumail a-mach gu bheil e deatamach dhan ghàrradh obair fhaighinn.

Nochd cuid ann an Uibhist dragh mun chùis roimhe is iad ag ràdh nach bu chòir "cleas poilitigeach" buaidh a thoirt air a' phròiseas gus aiseag ùr fhaighinn dhan eilean.

A' bruidhinn anns an deasbad Diardaoin, thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gum feumar èisteachd ri daoine ann an Uibhist is coimhearsnachdan eile a tha "airson aiseagan ùra fhaicinn cho luath 's a ghabhas".

Thuirt Mgr Swinney gu bheil Riaghaltas na h-Alba air taic mhòr a chumail ri Ghàrradh MhicFheargais, gu bheil iad mothachail air cho cudromach 's a tha e gum faigh an gàrradh obair, is gun obraich iad leotha gus suidheachadh a' ghàrraidh a dhaingneachadh.

Cha toireadh e seachad gealltanas ge-ta, mar a dh'iarr Mgr Mac a' Mhaolain is am BPA Làbarach airson Taobh Siar na h-Alba, Kary Clark, gum faigh an gàrradh cùmhnant dìreach airson an LOTI ùr a thogail.

"'S e gnothach toinnte a tha sa chùmhnant airson an Lord of the Isles ùr a thaobh an lagh is subsadaidhean," thuirt am Prìomh Mhinistear.

"Feumaidh co-dhùnadh sam bith feart a thoirt air an dleastanas a th' oirnn gus an t-aonta as fheàrr a th' ann fhaighinn 'son choimhearsnachdan is ghnothachasan eileanach.

"Tha sinn an-dràsta a' beachdachadh air a' chùis-ghnothachais is thèid na h-ath cheumannan a dhearbhadh an ceann ùine."

A9

Chuir am BPA Tòraidheach Murchadh Friseal ceist cuideachd air a' Phrìomh Mhinistear mu mhaoineachadh airson an A9.

Bha seo às dèidh aithrisean an t-seachdain seo a thuirt gu bheil an riaghaltas a' beachdachadh air cùl a chur ri maoineachadh poblach 'son a' phròiseict.

Thuirt Mgr Swinney gu bheil an riaghaltas air gealltainn an rathad air fad eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte ro dheireadh 2035 is gum bi maoineachadh ann gus na planaichean a choileanadh.