Draghan ùra an Uibhist a Deas mun LOTI ùr is Gàrradh MhicFhearghais

Neach-obrach aig Gàrradh MhicFheargais a' coiseachd seachad air an Glen RosaTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann-iomairt an Uibhist a Deas ag ràdh gu bheil an dàil as ùire air an MV Glen Rosa a' dearbhadh nach bu chòir cùmhnant gus aiseag ùr an eilein a thogail idir a dhol gu dìreach gu Gàrradh MhicFhearghais.

Tha iad cuideachd ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cabhag a chur sa phròiseas san fharsaingeachd.

Thàinig e am bàrr Dihaoine gu bheil dùil a-nise gun tèid an Glen Rosa a thoirt seachad anns na trì mìosan mu dheireadh de 2026, dàil ùr de shia mìosan.

'S i an dàrna bàta a tha Gàrradh MhicFhearghais a' togail do ChalMac mar phàirt de chùmhnant a thugadh seachad ann an 2015.

Bha còir bho thùs aig an Glen Rosa is an Glen Sannox a bhith ann an seirbheis ann an 2018.

Thug sreath fhada de thrioblaidean buaidh air na bàtaichean is iad bliadhnaichean air dheireadh is na milleanan mòra fada seachad air buidseat.

Chaidh Gàrradh MhicFheargais fhèin dhan roinn phoblaich tron staing a bh' ann.

Tha iomairt air tòiseachadh ann an Inbhir Chluaidh anns na mìosan mu dheireadh gum faigh Gàrradh MhicFhearghais cùmhnant airson an aiseig ùir a thèid an àite an MV Lord of the Isles às aonais pròiseas tairgse a bhith ann.

Tha luchd-poileataigs ann an Inbhir Chluaidh air taic làidir a chur ris an iomairt is iad ag ràdh gu bheil e deatamach gum faigh an gàrradh obair ùr ma tha e gus a bhith buan.

Thog Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist dragh mun ghnothach roimhe.

Tha iad ag ràdh a-nise gu bheil an dàil as ùire a thaobh an Glen Rosa a' sealltainn gu bheil trioblaidean a' leantainn aig Gàrradh MhicFhearghais.

"Bu chòir dhan seo crìoch a chur air beachd sam bith gur e Gàrradh MhicFhearghais an t-àite ceart airson an MV Lord of the Isles a thogail às aonais pròiseas tairgse àbhaisteach a bhith ann," thuirt John Daniel Peteranna bho Bhuidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist.

"Tha na cnapan-starra a tha seo a' sealltainn nach eil an gàrradh, mar a tha e, aig ìre gus aiseag ùr - air a bheil cruaidh fheum - a thogail taobh a-staigh a' chlàir-ama a gheall Rùnaire na Còmhdhail do mhuinntir Uibhist a Deas."

Thuirt Mgr Peteranna gu bheil Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist mothachail air cho cudromach 's tha togail-bhàtaichean do dh'Alba, ach gu feum taic dhan ghnìomhachas a chothromachadh le feumalachdan choimhearsnachdan a tha an eisimeil air seirbheisean aiseig.

"Ma tha pròiseas cothromach, fosgailte againn thèid na feumalachdan sin a choileanadh is cha tèid dàil gun adhbhar air an ath-ghinealach de dh'aiseagan."

Dh'iarr e cuideachd gun gluais Riaghaltas na h-Alba gu sgiobalta leis a' phròiseas tairgse.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gur e "briseadh-dùil mòr" a tha san dàil air an Glen Rosa is gu bheil Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba air leisgeul a thabhainn dha coimhearsnachdan eileanach gu sònraichte.

"Dh'fheumadh co-dhùnadh sam bith air cùmhnant dìreach a bhith a rèir riaghailtean solair is shubsadaidhean," thuirt an neach-labhairt.

"Bithear a' coimhead air cùmhnant gach bàta fa leth is aig an àm iomchaidh den phròiseas gu lèir.

"Tha sinn an-dràsta a' beachdachadh air a' chùis-ghnothachais a thaobh an Lord of the Isles ùr is thèid na h-ath-cheumannan a dhearbhadh an ceann ùine."

A' freagairt ceist mun chùis aig Holyrood aig toiseach na Dùbhlachd, thuirt Iain Swinney gum feumadh an co-dhùnadh "feart a thoirt air an dleastanas a th' oirnn gus an t-aonta as fheàrr a th' ann fhaighinn 'son choimhearsnachdan is ghnothachasan eileanach".

Tuilleadh air an sgeulachd seo