Plana airson Cidhe Ghàsaigh ga fhoillseachadh

Fhuair muinntir Uibhist a Deas cothrom sùil a thoirt air na planaichean airson cidhe ùr aig Gàsaigh ann an Loch Baghasdail oidhche Mhàirt.
- Air fhoillseachadh
Chaidh planaichean fhoillseachadh airson cidhe ùr aig Gàsaigh ann an Loch Baghasdail oidhche Mhàirt.
Chuir CMAL plana air adhart airson cidhe a ghabhadh cha mhòr a h-uile soitheach anns a' chabhlach.
Chosgadh an cidhe ùr £40m.
Ged a bheireadh a leithid buannachdan do dh'Uibhist a thaobh seirbheis an aiseig, tha beachd air nochdadh gun cuingealaicheadh e cothroman eaconomach a dh'fhaodadh tighinn an lùib ola no gas a bhith ga lorg sa Chuan Shiar.
'S e cidhe-meòir a th' anns an amharc, agus tha sin buannachdail a rèir Chaimbeil MhicÌomhair, Àrd-Innleadair Thogalaichean CMAL: "Gabhaidh aiseag a thoirt a-steach air gach taobh de chidhe-meòir, a rèir àird na gaoithe."
Bha e ag ràdh gun neartaicheadh an roghainn sin an t-seirbheis.
Ach, bha fear-gnothaich an Uibhist a Deas, John Daniel Peteranna, ag ràdh gum b' fheàrr leis làrach far an gabhadh brath a ghabhail air cothroman a dh'fhaodadh tighinn à gaoth no ola.
'S ann fo stiùir Leasachadh Loch Baghasdail Eta, companaidh le Sealladh na Beinne Mòire, a tha Eilean Ghàsaigh, agus bha cathraiche na companaidh, Calum MacIlleMhaoil a' cur fàilte air an adhartas.
Bha e ag ràdh gum biodh e na bu ghoireasaiche na an cidhe a th' aca: "Deas air Gàsaigh, tha uisge farsaing a-null gu deas agus tha e cus nas fhasa faighinn a-staigh ann."
Thuirt e gum biodh cothrom aig soithichean-turais tighinn a-steach agus gum faodadh sin atharrachadh mòr a dhèanamh dhan àite.