Dragh gun cuir geòidh às don fheur dhùthchasach air machraichean Uibhist

Gèadh-glas le feur na bheul Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh ann gun cuir ionaltradh nan gèadh às do shìol-cura dùthchasach an Uibhist

LeShona NicDhòmhnaill
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, ag ràdh gum beachdaich e air dòighean air an gabh smachd cur air an droch bhuaidh a tha gèoidh - gèoidh-ghlasa gu sònraichte - a' toirt air croitearachd ann an Uibhist.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid na gnèithean feòir a tha dùthchasach do mhachraichean Uibhist à bith leis mar a tha geòidh a' milleadh a' bhàrra.

Tha sìol airson na h-ath-bhliadhna a' crochadh air na gheibh croitearan de dh'arbhar is lusan eile mus faigh na h-eòin e as t-fhoghar.

Bha Niall Mac a' Phearsain am measg na chaidh fhàgail gann de shìol an-uiridh.

Bidh e mar as trice a' cur eòrna air trì acairean airson sìol, ach cha d' fhuair e ach an dàrna leth den t-sìol ann an 2025 na as àbhaist dhaibh a bhith a' faighinn.

Niall Mac a' Phearsain

Thuirt e: "Nam òige, nuair a bha sinn a' dèanamh an arbhair, an coirce, seagal agus eòrna, bha sinn a' ceangal agus cha robh uallach ort gun tigeadh geòidh ort.

"Ach chan fhaigh thu air sin a dhèanamh an-diugh idir. Mura faic iad air an talamh e ithidh iad às an adaig e.

Tha e ag ràdh gu bheil e taingeil airson nan innealan-fogharaidh.

"Mura b' e sin, cha ghabhadh an sìol cumail, agus mura b' e g' eilsaidhlids againn chan eil fhios agam ciamar a bhiodh sinn a' dèanamh bàrra don stoc," thuirt e.

Tha arc-eòlaichean den bheachd gu bheil an sìol a tha dùthchasach do dh'Uibhist an-diugh a' dol air ais 2,500 bliadhna.

Agus tha Mgr Mac a' Phearsain a' faicinn cho seasmhach is a tha e le àrainneachd is aimsir Uibhist, seach an sìol a thèid a thoirt a-steach dhan eilean an-diugh.

Tha dragh ann gum faodadh gun tèid an sìol sin à bith gun càil a dhèanamh mu bhuaidh nan gèadh.

Bho chionn 40 bliadhna chaidh na bu lugha na 1,300 gèadh a chunntadh ann an Uibhist; thairis air na deich bliadhna mu dheireadh, aig an ìre a b' àirde, bha faisg air 9,000 gèadh air an clàradh.

Tha còrr is 20 bliadhna on dh'iarr Caidreachas Chroitearan na h-Alba air Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt dhaibh gus dèiligeadh ri buaidh nan eun air talamh àitich an Uibhist.

Dà ghèadh-glas air iteagTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha suas ri 9,000 gèadh-glas air an clàradh an Uibhist aig an ìre a b' àirde

Tha Ceannard Caidreachas Chroitearan na h-Alba, Donna Nic a' Ghobhainn, air sgrìobhadh gu Comataidh Chroitearachd Thar-Phàrtaidh aig Holyrood le iarrtas às ùr airson taice.

Thuirt i: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an Riaghaltas a' tuigsinn cho cudromach 's a tha bith-iomadachd na machaire agus iad a' faighinn na teachdaireachd gu bheil milleadh nach gabh càradh ga dhèanamh oirre."

Choinnich Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, ri Buidheann Smachdachaidh nan Gèadh an Uibhist aig toiseach a' Ghearrain.

Thuirt e: "Tha mi ag aithneachadh na buaidhe mòire a dh'fhaodadh a bhith aig na geòidh-ghlasa air talamh àiteachais, air coimhearsnachdan croitearachd agus air luach èic-eòlach agus cultarail na machrach."

Thuirt e gu bheil £1m ga chosg gach bliadhna gus buaidh nan gèadh-glasa a lùghdachadh agus gun toir an Riaghaltas feart air na cunnartan a tha mu choinneamh chroitearan nuair a tha iad a' dealbhachadh taice șam bith a' dol air adhart.