Àireamhan ghèadh "air dùblachadh" an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Geòidh ann an Uibhist

Tha croitearan sna h-Eileanan Siar a' guidhe air Riaghaltas na h-Alba gun stèidhich iad maoineachadh às ùr do sgeamaichean spadaidh nan gèadh.

Tha dragh air na croitearan gu bheil àrdachadh mòr ann an àireamhan nan gèadh a' cur na dòigh-beatha aca ann an cunnart.

Thuirt Caidreachas Croitearachd nas h-Alba gu bheil na tha de gheòidh ann an Uibhist a-mhàin air dùblachadh gu mu 8,000 bho thàinig sgeamaichean spadaidh maoinichte gu crìch as t-Samhradh an-uiridh, 's gu bheil iad a' milleadh an fhearainn.

Choinnich riochdairean bhon bhuidhinn ri Ministear na h-Àrainneachd, Màiri McAllan, an t-seachdain seo chaidh a bhruidhinn mu na draghan a th' orra.

Sgrios

"Tha na geòidh a' toirt buaidh mhòr air obair-fearainn anns na sgìrean seo," thuirt cathraiche a' Chaidreachais, Dòmhnall MacFhionghain.

"Tha dragh gu h-àraid ann an Uibhist, far a bheil iad a' toirt buaidh air siostam sònraichte àiteachais a' mhachaire.

"'S e siostam a tha seo nach fhaicear ach ann an Uibhist 's a tha a' crochadh air seòrsaichean dùthchasach de dh'arbhar.

"'S e na tha a' tachairt ach gu bheil na geòidh a' sgrios an arbhair seo chun na h-ìre 's gur ann air èiginn a bhios sìol gu leòr aig na croitearan air fhàgail airson a chur air an ath-bhliadhna," thuirt e.

Thuirt a' bhuidheann NàdarAlba gun cùm iad orra ag obair còmhla ri buidhnean air bun-stèidh comhairleachaidh a thaobh dhòighean a bhiodh freagarrach airson smachd a chumail air na geòidh ghlasa.