Geòidh Uibhist gan cunntadh

  • Air fhoillseachadh
Geòidh ghlasa
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh na geòidh a' dèanamh sgrios uabhasaich air bàrr, agus a' fàgail salachair às an dèidh.

Thèid na geòidh ghlasa ann an Uibhist a chunntadh le Buidhinn Nàdair na h-Alba an t-seachdain seo tighinn.

Tha croitearan san eilean den bheachd gu bheil iad nas lìonmhoire am-bliadhna na bha iad riamh, a dh'aindeoin sgeamaichean 'son smachd a chumail orra.

Tha lochan is pàircean Uibhist air an ùr-bhuain làn dhiubh, agus a rèir Thormoid MhicAsgaill aig a bheil tuathanas an Droma Mhòir, tha iad air a bhith an lùib an fheòir fada ron seo.

Spadadh

"Tha iad air a bhith an seo bhon là a chuir sinn an sìol anns an talamh agus cha do dh'fhalbh iad.

"Bha iad an-uiridh dona agus tha iad nas miosa am-bliadhna", thuirt e.

Bha Buidheann Nadair na h-Alba a' cur taic ri spadadh gheadh san Earrach, ach am-bliadhna chuir suidheachadh a' Choròna-bhìorais stad air sin.

Tron Fhoghar tha Stòras Uibhist air a bhith a' tairgsinn taice do dhaoine a tha deònach a dhol a shealg dhaibh.

Tha iad air a bhith ag obair gu dlùth le bailtean Ghèirinis agus an Iochdair ann an sgeama pìleit.

Misneachd

Thuirt neach-labhairt Stòras gu bheil toradh a' phròiseact sin na mhisneachd airson gluasad air adhart.

Tha iad den bheachd gum bi na h-àireamhan a thèid a spadadh gu math nas àirde am-bliadhna na bha iad ann an 2019.

Thuirt iad gu bheil companaidh ann an Leòdhas air tòrr feòla a cheannach bhuapa 's gu bheil broilich gheòidh gan reic bhon oifis aca ann an Dalabrog.