Chaidh bàta-obrach fodha ann an Caolas Chearara faisg air an Òban

Cha robh duine air bòrd a' bhàta nuair a chaidh i fodha
- Air fhoillseachadh
Tha bàta-obrach air a dhol fodha ann an Caolas Chearara faisg air an Òban.
Chaidh fios a chur air na Maoir-Chladaich agus bàta-teasairginn RNLI an Òbain aig mu 07:30m Dimàirt an dèidh mar a thòisich an soitheaech a dhol fodha.
Cha robh duine air bòrd aig an àm, ach tha na sgiobaidhean cobhair air a bhith a' toirt air falbh sprùillich agus a' sgrùdadh feuch a bheil truailleadh ann.
Thuirt Maoir-Chladaich Steòrnabhaigh, a tha a' stiùireadh na h-iomairte, gun robh iad a' bruidhinn ris an neach leis a bheil am bàta a thaobh mar a ghabhas a gluasad.

Bàta-teasairginn RNLI an Òbain faisg air far an deach am bàta sìos ann an Caolas Chearara