Naidheachdan 11:00m

Lebanon

Thuirt riaghaltas Lebanon gun deach 31 duine a mharbhadh agus cha mhòr 150 eile a ghoirteachadh ann an ionnsaighean Israelach air pàirtean den phrìomh-bhaile Beirut agus cuideachd pàirtean den cheann a deas. Sin na sgìrean sa bheil buaidh làidir aig Hezbollah. Tha Iran a' taiceachadh na buidhne sin. Loisg iadsan rocaidean a dh'ionnsaigh Haifa ann an Israel an-raoir.

Tehran

Tha Israel agus na Stàitean Aonaichte air leantainn le bhith a' bomadh Tehran airson an treas là. Loisg Iran urchairean air grunn dùthchannan anns an sgìre. Tha aithrisean ann gu bheil spreadhaidhean air a bhith ann an Qatar, Bahrain, na United Arab Emirates agus Kuwait. Tha Saudi Aràibia air obair a stad aig aon de na h-ionadan giollachd ola as motha aca an dèidh mar a thugadh ionnsaigh air.

Kuwait

Chaidh ceò fhaicinn às an sgìre far a bheil ambasaid nan Stàitean Aonaichte ann an Kuwait. Chan eil e soilleir an deach ionnsaigh a thoirt air an togalach. Thuirt riaghaltas Khuwait gu bheil grunn itealan-cogaidh Aimeireaganach air tighinn a-nuas faisg air a' chrìch le Iran ach gun tàinig na criuthaichean uile beò às an sprùilleach sin.

Cìopras

Thuirt Ministearachd an Dìon gu bheil ionad an RAF aig Akrotiri ann an Cìopras a' dol mar as àbhaist an dèidh mar a bhuail dròna Iranianach ann an-raoir. Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh agus thuirt iad nach deach mòran cron a dhèanamh a bharrachd air an ionad.

Breatannaich san Ear-Mheadhanach

Thathar a' tuigsinn gu bheil oifigich ag obrachadh air planaichean airson còrr air 100,000 Breatannach fhaighinn a-mach às an Ear-mheadhanach. Tha puirt-adhair anns an sgìre dùinte airson an treas là ann an sreath. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Yvette Cooper, gun robhar a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh.

Righailtean Ùra Inimreachais

Cha thabhainn an Rìoghachd Aonaichte ach dìon eadar-amail do dh'fhògarraich a tha nan inbhich fo riaghailtean a tha air tighinn a-steach an-diugh. Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air na cùisean a h-uile dà bhliadhna gu leth agus feumaidh iad tilleadh dhan dùthaich às a bheil iad ma thathar a meas gu bheil sin sàbhailte. Agus an uairsin nas fhaide air adhart, chan fhaod luchd-siridh comraich cur airson cead fuireach an seo làn-ùine gus am bi iad san dùthaich fad 20 bliadhna seach còig bliadhna mar a th' ann an-dràsta.

Ionnsaigh Sgeine

Tha poilis armaichte aig làrach ann an Dùn Èideann agus aithrisean ann mu fhear le sgithinn sa bhaile. Thathar ag iarraidh air a' phoball sgìre Chalder a sheachnadh uile gu lèir.

Dìon na h-Òigridh Air-loidhne

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' tòiseachadh air co-chomhairleachadh phoblach a mhaireas trì mìosan air mar a bu chòir do dhaoine òga a bhith air an dìon air-loidhne. Tha ministearan a' beachdachadh air casg air na meadhanan-sòisealta dhaibhsan fo aois 16.