Eaglais na h-Alba "a' trèigsinn nan seann bhannan leis an t-sluagh"

Tha gearan ann nach robh ùine gu leòr aig a' choimhearsnachd tagradh a dheasachadh airson Eaglais Mhonimail am Fìobha a ghabhail thairis
- Air fhoillseachadh
Tha buidhnean coimhearsnachd a' fàgail air Eaglais na h-Alba nach eil iad a' toirt ùine gu leòr dhaibh airgead a thogail airson togalaichean eaglaise a cheannach nuair a thèid iad air a' mhargaidh.
Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil an Eaglais a' cur prothaid air thoiseach air na buannachdan a bhiodh ann do choimhearsnachdan na togalaichean seo a bhith aca.
Tha Eaglais na h-Alba a' reic nan ceudan de thogalaichean gus dèiligeadh ris na dùbhlain ionmhais a tha mun coinneimh le co-thionalan a' crìonadh agus cosgaisean ag èirigh.
Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ag ràdh gun to thog mòran bhuidhnean ionadail gearan riutha nach eil iad a' faighinn ùine gu leòr tagradh a dhèanamh.
Thuirt Linsay Chalmers, Stiùiriche nan Coimhearsnachdan: "Feumaidh buidhnean coimhearsnachd co-dhiù eadar 10 agus 12 mìos airson a dhol tron phròiseas sin."
Buidheann an dùil Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a ghabhail thairis
- Air fhoillseachadh7 An Lùnastal 2025
Eaglais ga reic ann an Cromba
- Air fhoillseachadh10 An t-Iuchar 2024
Eaglais Thiriodh: "Tha faireachdainn air an eilean gum biodh e na chall mòr"
- Air fhoillseachadh13 An Cèitean 2025
Tha Caraidean Eaglais Mhonimail ann am Fìobha am measg nam buidhnean a rinn gearan.
Bha an eaglais air a' mhargaidh airson nas lugha na mìos aig toiseach na bliadhna.
Tha Co-òrdanaiche na buidhne, Eanraig Broadhurst, ag ràdh nach robh sin a' toirt ùine dhaibh beachdan a shireadh agus "cothrom ceart tagradh ceart a dhèanamh".
Chaidh aca air £50,000 a thogail ach cha robh tìde aca an £220,000 a bha a dhìth a thional.

B' e briseadh-dùil do dh'Eanraig Broadhurst mar a dhèilig Eaglais na h-Alba leotha
Tha Mgr Broadhurst ag ràdh gun robh am ministear agus an co-thional "blàth agus cuideachail" ach gun robh e doirbh conaltradh le ùghdarrasan na h-Eaglaise.
"Ar leam nach robh ùidh aca ach san airgead as motha a gheibheadh iad agus tuigidh mi gu bheil airgead a dhìth air an Eaglais.
"Ge-ta, bha dùil agam gum biodh iad airson taic a thoirt do choimhearsnachd a bha cho mòr mar phàirt de dh'eachdraidh na h-eaglaise," thuirt e.

Chan eil ach 10 là mus feum tagraidhean airson Eaglais a' Bhlàrain Odhair ann an Dùthaich MhicAoidh a bhith a-staigh
Mar an ceudna, dh'fhaillich air oidhirp Urras Leasachaidh Fàrr a Tuath an Dùthaich MhicAoidh sealbh fhaighinn air seann Eaglais na h-Alba sa Bhlàran Odhar.
Tha oifigear leasachaidh na buidhne coimhearsnachd, Joan Grant-Reid, ag ràdh gun robh e "doirbh freagairtean fhaighinn bhon Eaglais".
Fhuair iad a-mach sa Chèitean gun robh an eaglais agus am mansa a' dol air a' mhargaidh fhosgailte an ceann beagan sheachdainean.
Tha Eaglais na h-Alba a' sireadh £48,000 airson na h-eaglaise agus tha am mansa air a' mhargaidh airson £235,000.
Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ron 22na den Lùnastal.
"Cha robh an ùine sin gu feum sam bith dhuinn agus ro theann airson buidheann coimhearsnachd sam bith," thuirt Joan Grant-Reid.
Tha an t-urras ag ràdh gun do dh'iarr iad air an Eaglais barrachd ùine a thoirt dhaibh tagradh ullachadh ach chaidh an t-iarrtas a dhiùltadh.

Tha seann mhansa Eaglais na h-Alba sa Bhlàran Odhar ga reic airson £235,000
Tha Tom Morton na ailtire le eòlas air iomairtean coimhearsnachd gus seann togalaichean eaglaise ùrachadh, agus bha e an sàs san obair Eaglais Mhonimail a cheannach.
Tha e ag ràdh gu bheil "fios air a bhith aig an Eaglais airson 25 bliadhna gum biodh aca ri tòrr thogalaichean a reic aig cridhe choimhearsnachdan air feadh Alba".
Thuirt Mgr Morton gum faodadh an Eaglais ro-innleachd na b' fheàrr a dhealbh le pròiseas soilleir a thuigeadh daoine agus a bheireadh stiùireadh dhaibh.
"A-nis ge-tà, thathar a' faicinn togalach eaglaise mar phàirt den mhaoin aca.
"'S e nàdar de thrèigsinn a th' ann an dèidh na chuir coimhearsnachdan ris an eaglais gu h-eachdraidheil agus gu cultarail thar nan ginealaichean," thuirt e.

Chaill Eaglais na h-Alba cothrom "pròiseas soilleir a bheireadh stiùireadh" do choimhearsnachdan a bhith aca am beachd Tom Morton
Rinn neach-labhairt Eaglais na h-Alba dìon air mar a tha iad air dèiligeadh ri buidhnean coimhearsnachd a tha ag iarraidh togalach a cheannach.
Thuirt iad gun do reic iad 31 togalach eaglaise ri buidhnean ionadail gun iad a' dol air a' mhargaidh fhosgailte.
Thuirt iad gu bheil na h-Urrasairean aca a' dèilgeadh ri còrr agus 50 cùis an-dràsta fhèin far an d' fhuair a' choimhearsnachd a' chiad chothrom, agus gun do dhèilig iad ri còrr agus 100 iarrtas bho bhuidhnean coimhearsnachd.
Thuirt iad: "Tha e cudromach gun tuig am poball gum faod a' choimhearsnachd buannachd fhaighinn à bhith a' cleachdadh togalach neo talla eaglaise ach 's e an co-thional a dh'fheumas pàigheadh airson àrachas agus obair-càraidh.
"Ma thig dàil air a' phròiseas reic tha uallach mòr air co-thionalan agus, mar sin, cha ghabh ùine a bharrachd a thoirt do thagradh coimhearsnachd a-mhàin."
Thuirt iad cuideachd gun robh e mar dhleastanas laghail orra luach an airgid fhaighinn à gach togalach a reiceas iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain 2024
