Buidheann an dùil Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a ghabhail thairis

Seann Àrd-Eaglais Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an t-Seann Àrd-Eaglais a chur air a' mhargaid ann an 2022

  • Air fhoillseachadh

Tha an eaglais as sine ann an Inbhir Nis - an t-Seann Àrd-Eaglais - gu bhith na hub coimhearsnachd agus ionad dualchais fo smachd charthannais.

Ghabh Eaglais na h-Alba ri tairgse bhon bhuidhinn "Save Old High Invneress."

Bha an togalach air a' mhargaid airson tairgsean de thimcheall air £99,500.

Thuirt Eaglais na h-Alba gu bheil iad an dòchas gun tèid an làrach a chaomhnadh airson an àm ri teachd a-nis.

Chaidh an eaglais a th' ann a thogail a' cleachdadh phàirtean de sheann eaglais bho na meadhan-aoisean.

Tha an carthannas an dùil sgrùdaidhean a dhèanamh mu dheidhinn ciamar a ghabhas an togalach a bhith air a chur gu feum.

Chaidh an t-Seann Àrd-Eaglais a chur air a' mhargaid ann an 2022.

Eachdraidh

Tha mòran eachdraidh an cois na làraich.

Mar eisimpleir, tha dùil gur ann air an tom air an deach an eaglais a thogail a dh'iompaich an Naomh Calum Cille Rìgh Brùd nan Cruithneach gu Crìostaidheachd.

Cuideachd, chaidh am pàirt as sine den eaglais a chleachdadh mar phrìosan às dèidh Bhlàir Chùil Lodair agus chaidh Seumasaich a bha an grèim a chur gu bàs ri taobh an togalaich.

Air sgàth sin, bidh luchd-iùil a' stad aig an àite mar phàirt de thursan coiseachd, agus tha luchd-leantainn Outlander air ùidh a nochdadh anns an eaglais.

Thèid clag, a tha daoine a' smaoineachadh a bh' air a chleachdadh gu làitheil airson còrr air 300 bliadhna, a reic còmhla ris an eaglais.