Eaglais ga reic ann an Cromba

- Air fhoillseachadh
Tha eaglais san Eilean Dubh nach deach a chleachdadh ann an cha mhòr bliadhna ga reic.
Chaidh an t-seirbheis mu dheireadh a chumail san Eaglais an Iar ann an Cromba san Lùnastal an-uiridh.
Tha an togalach a-niste air a' mhargaidh agus tairgsean os cionn £124,999 gan sireadh air a shon.
Thuirt Eaglais na h-Alba, leis a bheil an togalach, gun gabhadh e cleachdadh mar sgoil-àraich, ionad do sheann daoine, ionad-foghlaim, thaigh-tasgaidh, leabharlann no eile, nam faighte an cead ceart.
'S e seo an tè as ùire de dh'eaglaisean le Eaglais na h-Alba san Eilean Dubh a th' air a dhol air a' mhargaidh, 's eaglais pharaiste Abhaich agus eaglais Pholl Lòchaidh faisg air làimh gan reic.