Fear a dhìth às Inbhir Narann

Kevin DòmhnallachTùs an deilbh, POILEAS ALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba ag iarraidh taic an t-sluaigh 's iad a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fear às Inbhir Narann a tha a dhìth.

Chunnacas Kevin Dòmhnallach, 36, mu dheireadh anns a' bhaile sin mu 6:00f Didòmhnaich.

Tha e 5'8" de dh'àirde, 's bha ad beanie ghlas air, seacaid puffer dhubh agus briogais ruith dhubh no ghlas nuair a chunnacas mu dheireadh e.

Tha dùil aig oifigearan gur dòcha gun do dh'fhalbh e a Mhoireibh no a Shiorrachd Obar Dheathain.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh bruidhinn riutha air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 3571 den 1d là den Mhàrt 2026.