Naidheachdan 11:00m
A' Ghraonlainn
Dhearbh an Taigh Geal gu bheil an Ceann-Suidhe Trump 's an sgioba aige a' coimhead air diofar dhòighean air an gabhadh na Stàitean Aonaichte sealbh air a' Ghraonlainn, agus gu bheil cleachdadh armachd am measg nan roghainnean sin. Tha aithrisean ann gun tuirt an Rùnaire Stàite, Marco Rubio, gur e fearann a bhuineas dhan Danmhairg a cheannach a b' fheàrr leotha. Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gu bheil sealbh air a' Ghraonlainn na phrìomhachas do thèarainteachd nàiseanta nan Stàitean Aonaichte a dh'aindeoin agus gu bheil dùthchannan Eòrpach, an Rìoghachd Aonaichte nam measg, a' cur an aghaidh sin.
An Ucràin
Tha còmhraidhean a' tòiseachadh a-rithist an-diugh ann am Paris mu thèarainteachd na h-Ucràin. Rinn an Ceann-Suidhe Zelensky moladh air an Rìoghachd Aonaichte agus air an Fhraing a gheall an-dè saighdearan a chur dhan Ucràin nam biodh sìth ann leis an Ruis.
Sneachda
Tha sneachd is reothadh a' dèanamh chùisean doirbh ann an ceann a tuath na h-Alba an-diugh a-rithist, 's tha cha mhòr a h-uile sgoil ann an Obar Dheathain, Siorrachd Obar Dheathain agus Moireibh dùinte airson an treas là. 'S ann an-diugh a thill sgoiltean Comhairle na Gàidhealtachd an dèidh nan saor-làithean, ach an dèidh tuilleadh sneachda an-raoir tha còrr is 100 dhiubh sin dùinte an-diugh. 'S tha rabhadh ann air aimsir gheamhradail do Shasainn 's dhan Chuimrigh le dùil an sin ri Stoirm Goretti. Agus chuir sneachd is reothadh stad air mòran sheirbheisean adhair air tìr-mòr na h-Eòrpa.
Astràilia
Chan e fuachd ach teas a tha a' dèanamh trioblaid ann an Astràilia, far a bheil rabhadh ann air fìor theas dhan mhòr-chuid den dùthaich. Tha i aig còrr is 40C sna prìomh bhailtean, 's tha luchd-smàlaidh a' strì ri teintean mòra a-muigh air an dùthaich.