Angus Og a' tighinn beò às ùr air BBC ALBA

Angus OgTùs an deilbh, Tasglann an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
  • Air fhoillseachadh

Tha prògram ùr air BBC ALBA a' coimhead air fear de na cartùnaichean as ainmeile a bh' ann an Alba san 20mh linn agus an duine a bha air a chùlaibh.

Bhiodh Angus Og a' nochdadh san Daily Record is an Sunday Mail eadar 1960 is 1989 is na stòiridhean a' leantainn beatha Angus ann am baile Drambeg anns na Utter Hebrides.

'S e Ewen Bain an duine a chruthaich Angus Og.

Ewen BainTùs an deilbh, Tasglann an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Rugadh is thogadh Mgr Bain ann an Cnoc Màiri ann an Glaschu ach 's ann às an Eilean Sgitheanach a bha a phàrantan agus 's e a' Ghàidhlig cànan an dachaigh.

Bhiodh Ewen fhèin a' cur seachad a h-uile samhradh mar bhalach air ais san Eilean.

Às dèidh ùine na thidsear, thòisich Ewen air cartùnaichean làn-ùine.

Iain Mac a' Ghobhainn le neach-brèige de Angus ÒgTùs an deilbh, Julie McCrone
Fo-thiotal an deilbh,

Iain Mac a' Ghobhainn is Angus Òg

'S ann a choisinn e fhèin agus Angus Og cliù air feadh na h-Alba is gun duine, cha mhòr, sàbhailte bho mhagadh Angus Og.

Air a' cheann thall fhuair an obair aig Mgr Bain dhachaigh ann an eilean a shinnsearean is cartùnaichean Angus Og a-nise air an glèidheadh ann an Tasglann an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Angus Og: The Making of a Tabloid Teuchter

Laoch Gàidhealach a bha cho seòlta ri sionnach ach a chòrd ri mòran. An caractar cartùn ainmeil, Angus Òg.

Tha Angus Og - The Making of a Tabloid Teuchter - a' coimhead air beatha Ewen Bain, mar a dh'fhàs Angus Og a bhith cho soirbheachail, is dè an t-àite a th' aige ann an dualchas na h-Alba san 20mh linn.

'S e Caledonia TV a tha air a dhèanamh is iad a' gealltainn Angus a thoirt beò tro sheann chartùnaichean is clàraidhean is agallamhan ùra.

Dolina NicIllinnein le neach-brèige de Angus ÒgTùs an deilbh, Julie McCrone
Fo-thiotal an deilbh,

Dolina NicIllinnein is Angus Òg

"Bha Angus Og a' bruidhinn ris na milleanan le spòrs is gàire is bha e a' tighinn à seasamh geur, Gàidhealach," thuirt Bill MacLeòid, a tha na àrd-riochdaire aig MG ALBA.

"Bha na sgeulachdan aige dàna is uaireannan mì-mhodhail is cha robh leisg sam bith air slaic a thoirt air beatha ann an Alba.

"'S e tlachd mòr a tha air a bhith ann an dìleab sin a thoirt beò às ùr air an sgrìn."

Tè de sgeulachdan Angus OgTùs an deilbh, Tasglann an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse