Luchd-naidheachd STV air stailc mu phlana North Tonight a ghearradh

Luchd-obrach STV a' togail fianais ann an Obar Dheathain
- Air fhoillseachadh
Tha dùil nach bi prògraman naidheachdan Albannach air an craoladh idir air STV Diciadain agus an luchd-naidheachd air stailc aon là.
'S ann mu dheidhinn phlanaichean daoine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil agus deireadh seirbheis naidheachd fa leth do cheann a tuath na h-Alba a tha an t-eas-aonta.
Tha STV ag ràdh gur e droch àm a th' ann airson na stailce agus còmhraidhean le na h-aonaidhean a' leantainn.
Cha bhi buaidh aig an stailc air prògraman eile agus sanasachd.
Tha dùil gun toir an iomairt-obrach buaidh air na bhios ri leughadh is fhaicinn de naidheachdan air làrach-lin STV.
Bidh stèisean ciùil ùr na companaidh, a thòisich Dimàirt, fhathast a' dol.
Tha Aonadh Nàiseanta an Luchd-naidheachd an dùil fianais a thogail taobh a-muigh phrìomh-oifisean STV ann an Glaschu agus cuideachd aig an togalach aca ann an Obair Dheathain.
Tha STV an-dràsta a' toirt seachad dà sheirbheis naidheachd fa leth - tè do mheadhan na h-Alba agus tè-eile don cheann a tuath den dùthaich.
Tha riaghladair nan seirbheisean conaltraidh Ofcom a' sireadh bheachdan an-dràsta air na h-atharrachaidhean a thathar a' moladh dhan t-seirbheis.
Bhiodh iad sin a' ciallachadh:
Gum biodh preasantairean stèidhichte ann an Glaschu
Gum biodh gach geàrr-chunntas air na naidheachdan agus a' chuid as motha de phrògram 6:00f air an craoladh an dà chuid meadhan agus an ceann a tuath na h-Alba.
Gum biodh timcheall air 9 mionaidean de naidheachdan diofraichte airson gach sgìre sa phrògram 6:00f
Tha STV ag ràdh gum bi sgiobaidhean naidheachd fhathast aca an Obair Dheathain, Dùn Dè agus Inbhir Nis.
CnES: 'S e 'ceum air ais' cur às don phrògram naidheachd STV North
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
STV fo chasaid droch-stiùireadh ionmhais an cois plana cur às do phrògram naidheachd
- Air fhoillseachadh9 An Dàmhair 2025
Rinn ceannardan nam prìomh phartaidhean poileataigeach an Alba càineadh air na planaichean nuair a thàinig iad am follais an toiseach san t-Sultain.
Tha Seòmar Malairt Obair Dheathain agus Roinn a' Mhonaidh cuideachd mì-thoilichte mu na molaidhean.
Tha STV air a ràdh gu bheil crathadh a dhìth leis gu bheil nas lugha de luchd-amhairc agus sanasachd ann.
Bhiodh na h-atharrachaidhean a' ciallachadh gun rachadh 28 dreuchdan a chall ann an sgioba nan naidheachdan, ged a tha am BBC a' tuigsinn nach eil ach triùir ann an cunnart an obair a chall an aghaidh an toil.
Tha co-chomhairleachadh Ofcom mu am bu chòir cead a thoirt do na h-atharrachaidhean a' dol gu an Gearran.
Ge-tà, chan eil cumhachd aca a thaobh obraichean dhaoine.
Ma bheir Ofcom cead do na planaichean, dh'fhaodadh gun tòisich na prògraman naidheachdan ùra ron earrach.