CnES: 'S e 'ceum air ais' cur às don phrògram naidheachd STV North

Tha beachd aig a' chompanaidh-chraolaidh cur às don phrògram naidheachd aca à Obair Dheathain
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur taic ris an iomairt am prògram naidheachd STV North a dhìon.
Tha a' chompanaidh-chraolaidh STV am beachd 60 cosnaidhean a ghearradh agus cur às don phrògram a tha ga dhèanamh ann an Obair Dheathain.
Tha Ceannard na Comhairle, Pòl Steele, a' brosnachadh dhaoine an ainm a chur ris an athchuinge a thòisich Seòmar-Malairt Obair Dheathain is Roinn a' Mhonaidh, Save STV North.
Thuirt e: "Ma dhùineas STV an oifis Obair Dheathain aca tha iad a' cur teachdaireachd shoilleir do na coimhearsnachdan sa cheann a tuath de dh'Alba nach eil diù aca dhuinn."

Tha an Comhairliche Pòl Steele ag ràdh gur e "ceum air ais" a bhiodh ann nan dùineadh STV an oifis aca an Obair Dheathain
A' bruidhinn ri Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster Dimàirt, ghabh Àrd-oifigear STV, Rufus Radcliffe, ris gum biodh call chosnaidhean "glè dhoirbh" don luchd-obrach.
Thuirt e ge-tà gun robh crathadh a dhìth air sgàth cho dùbhlanach 's a tha saoghal a' chraolaidh agus leis gun robh nas lugha dhaoine a' coimhead air a' phrògram.
Tha Aonadh Nàiseanta an Luchd-Naidheachd ag ràdh gur e "fìor bhuille chruaidh" a bhiodh sna h-atharrachaidhean do cheann a tuath na h-Alba.
Tha an Comhairliche Steele ag ràdh gu bheil e riatanach gum biodh luchd-naidheachd ann a tha eòlach air na h-Eileanan an Iar agus a dhèanadh aithrisean ceart.
Thuirt e: "Chunnaic a' Chomhairle na mearachdan agus am fiosrachadh meallta a thig a-mach à aithrisean luath didseatach le luchd-naidheachd aig nach eil fios mu na h-eileanan.
"Airson 60 bliadhna thug STV North aithrisean do mhuinntir nan Eilean Siar a bha geur-chùiseach is far an robh luchd co-dhùnaidh gan cruaidh cheasnachadh.
"Tha mi ag iarraidh air STV gun an ceum mòr air ais seo a ghabhail," thuirt e.