Rabhadh sneachda is deighe 'son a' mhòr-chuid de dh'Alba agus na ceudan sgoiltean dùinte

Tha rabhadh sneachd is deighe an sàs airson a' mhòr-chuid de dh'Alba Diciadain
- Air fhoillseachadh
Tha rabhadh às ùr ann mu shneachd agus deigh a mhaireas gu Diaordaoin airson cha mhòr Alba gu lèir.
Tha rabhadh buidhe, taobh a-muigh Oifis na Sìde gu bhith an sàs bho 22:00 Diciadain gu meadhan-là Diaordaoin a' toirt a-steach a h-uile sgìre ach Sealtainn.
Tha na ceudan sgoiltean dùinte an-diugh a-rithist ri linn buaidh an t-sneachda aig tuath.
Bha còir aig clann-sgoile air a' Ghàidhealtachd tilleadh às dèidh na Bliadhn' Ùire ach tha còrr air 20,000 dhiubh gu bhith a' fuireach aig an taigh.
Gheibhear liosta shlàn de na sgoiltean a tha dùinte air a' Ghàidhealtachd an seo, taobh a-muigh.
Tha dùil gum fosgail sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar, agus cuideachd ann an Arcaibh agus Sealtainn às dèidh cuid dhiubh sin a bhith dùinte dà là.
Tha Comhairle Siorrachd Obar Dheathinn air ìre mòr-shuidheachadh a ghairm mu choinneamh na staing a tha orra.
Tha an co-dhùnadh sin a' ciallachadh gun urrainn dhaibh an luchd-obrach a chleachdadh airson dèiligeadh ris.
Thuirt co-cheannard Comhairle Baile Obair Dheathain, Ian Yuill, gur e seo an sneachd as motha as cuimhne leis ann an còrr air 50 bliadhna.
Rabhadh òmar sa cheann a tuath agus dùil ri sneachd an Alba air fad
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Sgoiltean Uibhist is Bharraigh fosgailte Dimàirt, ach dùinte an Leòdhas
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
Bidh sgoiltean san ear-thuath dùinte an-diugh a-rithist, mar a bhios feadhainn am Moireibh.
Tha rabhadh buidhe Oifis na Sìde, taobh a-muigh mu shneachd agus deigh airson a' chinn a tuath Diciadain, agus tha rabhaidhean deighe ann airson cha mhòr Alba gu lèir.
Tha mòran sheirbheisean rèile fhathast dheth an-diugh, nam measg an t-slighe eadar Inbhir Nis gu ruige Caol Loch Aillse agus earrannan de loidhne an Fhìor Chinn a Tuath ann an Gallaibh.
Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd nach bi busaichean poblach ann an-diugh.
Bha cùisean dùbhlanach air an rathaidean Dimàirt agus bha an A9 dùinte gach slighe tuath air an Aghaidh Mhòir an dèidh tubaist eadar dà charbad feasgar.
Chaidh fhosgladh às ùr mu 6:30f.

Tha crainn-shneachda air a bhith trang air rathaidean an Siorrachd Obair Dheathain
Tha sneachd air laighe ann an cuid de dh'àitichean an ceann a tuath na h-Alba a h-uile là o thoiseach na bliadhn' ùire.
Tha a' chompanaidh rèile LNER, a tha a' ruith loidhne a' chosta an ear, a' comhairleachadh do luchd-siubhail gun a bhith a' siubhal eadar Dùn Èideann agus Obair Dheathain leis nach urrainn dhaibh barantas a thoirt gum bi na trèanaichean a' dol.
Tha an AA ag ràdh gun deach an gairm a-mach gu faisg air 13,000 cùis air feadh na Rìoghachd Aonaichte suas gu 4:00f Dimàirt.
Thuirt an RAC gum bu chòid do dhaoine beachdachadh air a bheil e riatanach gun dràibh iad a dh'àite.
Tha Poileas Alba ag ràdh gum bi buaidh an t-sneachda ri fhaireachdainn sna beagan làithean ri thighinn san ear-thuath agus an ceann a tuath na h-Alba, agus dh'iarr iad air daoine dèanamh cinneach gu bheil nàbaidhean agus càirdean ceart gu leòr.