Ceann-là ùr 'son tadhal air Fàn Eilean

- Air fhoillseachadh
Tha ceist ann fhathast cuin a thig co-dhùnadh deireannach mu phlanaichean airson fo-stèisean dealain mòr a thogail faisg air a' Mhanachainn.
Tha a' chompanaidh chumhachd SSEN ag iarraidh fo-stèisean mòr, 400kV, a thogail air an làraich aig Fàn Eilean airson dealan ath-nuadhachail às a' cheann a tuath a chur gu deas.
Tha 886 acair fearainn san làraich, cho mòr ri 400 pàirce ball-coise uile gu lèir.
Bha dùil gum biodh comhairlichean a' tadhal air an làraich sa mhadainn Diardaoin, ach chaidh sin a chur dheth ri linn an t-sneachda.
Tachraidh sin a-nis air an 19mh là den Fhaoilleach, leis a' ghnothach a' tighinn air beulaibh chomhairlichean air a' 5mh là den ath-mhìos.
Ach feumaidh SSEN aontachadh ris a' cheann-ùine a th' aig a' Chomhairle airson co-dhùnadh a dhèanamh a leudachadh.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil an leasachadh riatanach airson amasan cumhachd ath-nuadhachail agus Net Zero an Riaghaltais a choileanadh.

Bha còir aig co-dhùnadh a bhith ann ron 12mh là den Fhaoilleach, ach cha ghabh sin dèanamh le mar a chaidh turas nan comhairlichean a chur dheth.
Tha connspaid mhòr mun phròiseact, agus beachdan làidir air gach taobh.
Thuirt a' bhuidheann Communities Before Power Companies gur e fìor bhriseadh-dùil a th' ann nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast, 's an gnothach air a bhith a' dol air adhart fad bhliadhnaichean.
Thuirt SSEN: ""Le suidheachadh dùbhlanach na h-aimsire san sgìre, tha sinn a' tuigsinn co-dhùnadh Comhairle na Gàidhealtachd tadhal na seachdain seo air làrach Stèisean 400kV Fàn Eilean a chur dheth.
"Tha sinn a' cumail ann an còmhradh le Comhairle na Gàidhealtachd feuch a h-uile rud a ghabhas a dhèanamh 'son maill air a' phròiseact seo a lùghdachadh."
Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gu bheil a' chompanaidh ag obair a dh'ionnsaigh aonta a ruighinn mu ùine a bharrachd.
Aig an ìre seo ge-tà, mura tachair sin, faodaidh a' chompanaidh a dhol dìreach chun an Riaghaltais, rud a dh'fhàgadh gur ann an Dùn Èideann, seach Inbhir Nis, a dheadh an co-dhùnadh deireannach a dhèanamh.