Casg rè ùine air bust Bouchardon a chur às an Rìoghachd Aonaichte

Bust Shir Iain GhòrdainTùs an deilbh, HIGHLIFE NA GÀIDHEALTACHD
  • Air fhoillseachadh

Chaidh casg rè ùine a chur air ìomhaigh shnaidhte a chaidh a lorg an Inbhir Ghòrdain a chur a-mach às an dùthaich.

Chaidh an ìomhaigh mharmoir de cheann Iain Ghòrdain Inbhir Ghòrdain a dhèanamh le fear Edmé Bouchardon, snaidheadair ainmeil Frangach, anns an Ròimh ann an 1728.

Chaidh luach £3.1m a chur air an ìomhaigh, agus chaidh an casg rè ùine a chur air a bhith ga chur a-mach à Breatainn gus cothrom a thoirt do ghailearaidh no taigh-tasgaidh anns an Rìoghachd Aonaichte a ceannach.

Cheannaich Comhairle Baile Inbhir Ghòrdain an ìomhaigh ann an 1930 air £5, ach chaidh dìochuimhneachadh mu deidhinn airson deicheadan.

Chaidh a ràdh gun robh i air a cleachdadh aig aon àm airson doras a chumail fosgailte aig ionad-gnìomhachais.

Cho-dhùin comhairlichean Gàidhealach san Ògmhios 2024 gun robh iad airson a reic.

Thuirt Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus na Spòrs gun robh an ìomhaigh na pìos cudromach de dh'eachdraidh na dùthcha.

'S e an aon "bhust" clasaigeach de dhuine-uasail Albannach a rinn Bouchardon sa chiad leth den 18mh Linn.

B' e fear-poileataigs Albannach a bh' ann an Sir Iain Gòrdain Inbhir Ghòrdain, a bha na bhall-pàrlamaid.

Ghabh e thairis bho athair mar BhP airson Crombaigh agus chaidh e na Rùnaire airson Chùisean Albannach dha Frederick, Prionnsa na Cuimrigh, anns na 1740an.

B' e an teaghlach aige a stèidhich baile Inbhir Ghòrdain

"Tha eachdraidh iongantach aig a' bhust seo," Ministear a' Chultair, a' Bhana-bharain Twycross.

"Tha mi an dòchas gun adhbharaich an casg rè ùine air a chur às an dùthaich cothrom buidheann no gailearaidh san Rìoghachd Aonaichte a lorg airson an ìomhaigh iongantach a chumail ann am Breatainn."

Tha an casg an sàs chun an 8mh là den Ghiblean, agus an dèidh sin faodaidh Comhairle na Gàidhealtachd beachdachadh air tairgsean fad 15 làithean gnothachais.

Tha a' phrìs stèidhichte aig £3,135,90 (le VAT £620,000 a bharrachd air sin, a ghabhas iarraidh air ais le buidhinn iomchaidh).

Tha a' phrìs sin a' toirt a-steach cosgais a bhith a' dèanamh mac-samhail den ìomhaigh.