Comhairleachadh air aontachadh ìomhaigh shnàidhte luach £2.5m a reic

Fo-thiotal a’ bhidio,

  • Air fhoillseachadh

Bhòt comhairlichean Gaidhealach gus ìomhaigh shnàidhte a reic airson £2.5m aig coinneimh den làn-chomhairle Diardaoin.

Às dèidh lorg fhaighinn air an ìomhaigh a bha aig aon àm a' cumail dorais seada fosgailte, thàinig e am folais gur e Edme Bouchardon, deilbhear ainmeil bhon Fhraing a rinn e san 18mh linn.

Thèid an t-airgead a chur ri Maoin Mhaith-choitcheann Inbhir Ghòrdain.

Tha tuilleadh aig Fionnlagh Mac'Illinnein.