Tairgse de £2.5m airson ìomhaigh a chùm doras seada fosgailte

Chaidh an ìomhaigh de Sir John Gordon a dhèanamh leis an neach-ealain Fhrangach Edmé Bouchardon
- Air fhoillseachadh
Tha cuideigin air £2.5m a thabhainn airson ìomhaigh mharabail de cheann uachdarain Ghàidhealaich a bha aig aon àm a' cumail doras seada comhairle fosgailte.
Chaidh an ìomhaigh a dhèanamh leis an neach-ealain Fhrangach Edmé Bouchardon.
Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach air an tairgse an t-seachdain seo tighinn.
Tha Edmé Bouchardon ainmeil airson ìomhaighean a rinn e do ghàrraidhean Lùchairt Versailles tro linn Louis XV.
Ach, tha eòlaichean aig Sotheby's ag ràdh gu bheil an ìomhaigh a rinn a de Sir John Gordon, air an robh daoine air dìochuimhneachadh, anabarrach grinn cuideachd.
Cheannaich Comhairle Baile Inbhir Ghòrdain an ìomhaigh airson £5 anns na 1930an, ach cha deach cus luaich a chur innte, oir chaidh a lorg a' cumail doras seada fosgailte aig pàirc ghnìomhachais ann am Baile an Todhair ann an 1998.
Tha e a-nis air a thighinn am bàrr gu bheil cuideigin thall-thairis airson an ìomhaigh a cheannach airson £2.5m.
Thèid beachdachadh air an tairgse, agus dè eile a b' urrainn dhaibh a dhèanamh leis an ìomhaigh, aig coinneimh den chomhairle Diluain seo tighinn.
Thèid airgead sam bith a gheibhear airson na h-ìomhaigh gu Maoin Maith Choitchinn Inbhir Ghòrdain.