Ceistean ùra mu sgeama Fàn Eilean 's turas chomhairlichean air a chur dheth

Ro-ìomhaigh den leasachadh aig Fàn EileanTùs an deilbh, SSEN
Fo-thiotal an deilbh,

Tha còrr air 850 acair fearainn san làraich

  • Air fhoillseachadh

Tha ceistean às ùr mu na thachras le leasachadh connspaideach faisg air a' Mhanachainn 's comhairlichean air co-dhùnadh gun tadhal air an làraich mar a bha dùil an-diugh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e suidheachadh na h-aimsire a dh'fhàg nach b' urrainn dhaibh a dhol ann.

Ach tha ceann-là ro cho-dhùnadh air an iarrtas air an 12mh là den Fhaoilleach, agus bha dùil gun dèanadh comhairlichean co-dhùnadh an dèidh a bhith ann.

Tha SSEN a' coimhead ri ionad mòr bataraidh a stèidheachadh air còrr is 850 acair fearainn aig Fàn Eilean.

Mura h-aontaich a' chompanaidh ùine a bharrachd a thoirt don Chomhairle, dh'fhaodadh iad a dhol gu Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh "tagradh an aghaidh neo-dhearbhaidh" 's iarraidh orrasan dèiligeadh ris an iarrtas dealbhachaidh.

Chuir Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas co-dhùnadh dheth san Dùbhlachd gus an robh iad air tadhal air an làraich iad fhèin.

Làrach Fàn Eilean

"Thàinig oirnn a' choinneamh a chur dheth air adhbharan slàinte is sàbhailteachd," thuirt an Comh. Dàibhidh Friseal.

"Tuigear sin, agus comhairlichean a' tighinn à Loch Abar, Bàideanach, Siorrachd Inbhir Narann, agus an sgìre ionadail, 's tha e cudromach gum faigh a h-uile duine ann gu sàbhailte.

"Cuideachd gum bi e sàbhailte fhad 's a tha sinn air an làraich.

"Tuigidh mi am briseadh-dùil a th' aig daoine nach eil a' choinneamh a' dol air adhart, ach tha fhios gun cuir sinn air dòigh e 'son àm eile cho luath 's a ghabhas."

Tha connspaid mhòr san sgìre mun phlana, fon deadh còrr air 850 acair fearainn a chur fo bhataraidhean mòra is uidheamachd eile dealain airson cumhachd à leasachaidhean ath-nuadhachail sa cheann a tuath a stòradh 's a chur ris a' ghriod nàiseanta.

Tha dragh air luchd-iomairt mun bhuaidh a bheir làraidhean air rathaidean beaga na sgìre agus gu h-àraid an Drochaid Dhubh tarsainn Abhainn na Manachainn, agus mun bhuaidh a bheir e air an sgìre san fharsainneachd.

Soidhne a' cur an aghaidh an leasachaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mì-thoileachas mòr sa choimhearsnachd ionadail mu na tha san amharc

Tha a' chompanaidh SSEN ag ràdh gu bheil iad air conaltradh poblach mòr, farsainn a dhèanamh air na planaichean.

An dèidh na naidheachd nach tèid tadhal an là an-diugh air adhart, thuirt iad:

"Le suidheachadh dùbhlanach na h-aimsire san sgìre, tha sinn a' tuigsinn co-dhùnadh Comhairle na Gàidhealtachd tadhal na seachdain seo air làrach Stèisean 400kV Fàn Eilean a chur dheth.

"Tha sinn a' cumail ann an còmhradh le Comhairle na Gàidhealtachd feuch a h-uile rud a ghabhas a dhèanamh 'son maill air a' phròiseact seo a lùghdachadh."