Dàil air co-dhùnadh Fàn Eilean

Tha còrr air 850 àcair san làraich
- Air fhoillseachadh
Chaidh dàil a chur air co-dhùnadh fo-stèisean mòr dealain a thogail aig Fàn Eilean faisg air Cill Taraglain.
Tha còrr 's 850 acair san làraich, air talamh àitich, agus tha a' chompanaidh SSEN a' moladh uidheamachd a chur ann a làimhsicheas dealan à leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail sa cheann a tuath airson a chur ris a' ghriod nàiseanta.
Tha na planaichean air a bhith connspaideach is iomairt ann nan aghaidh, ged a tha SSEN ag ràdh gu bheil iad deatamach airson leasachaidhean ath-nuadhachail a thoirt air adhart.
Bha dùil ri co-dhùnadh mun chùis bho Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin.
Ach dh'iarr an Comh Daibhidh Friseal gun tèid buill a choimhead air an làraich ach am faic iad cho mòr 's a tha am pròiseact agus a' bhuaidh a bheireadh an leasachadh air an àite.
Ghabh dusan ball ris an iarrtas sin, le dìreach dithis bhall a' bhòtadh airson moladh a chuir an Comh Pòl Oldham air adhart nach deadh tadhal air an làraich.
Dùil ri co-dhùnadh air fo-stèisean mòr dealain air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh18 An Dùbhlachd 2025
SSEN gan dìon fhèin a thaobh stèisein ùir
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2024
Plana SSEN: "Tha mi uabhasach fiadhaich mun a h-uile càil"
- Air fhoillseachadh24 An Giblean 2025
Tha a' chompanaidh SSEN ag ràdh gu bheil iad air conaltradh poblach mòr, farsainn a dhèanamh air na planaichean.
Thuirt SSEN: "Tha sinn a' mothachadh dhan cho-dhùnadh aig Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas dàil a chur air cead airson fo-stèisean 400kV Fàn Eilean gus an deadh tadhal air an làraich.
"Tha sinn fo ghealltanas obrachadh gu togarach le Comhairle na Gàidhealtachd, le coimhearsnachdan agus le luchd-ùidhe eile airson maill sam bith a lùghdachadh, dèiligeadh ri dragh dhaoine agus an leasachadh bun-structair chudromaich nàiseanta seo a thoirt seachad a rèir a' chlàir-ama a th' ann airson amasan tèarainteachd chumhachd agus dealain uaine na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte a choileanadh."
Tha dùil gun tèid buill na comataidh chun na làraich tràth an ath-mhìos.