Dùil ri co-dhùnadh air fo-stèisean mòr dealain air Ghàidhealtachd

Plana den làraich aig Fàn EileanTùs an deilbh, SSEN
  • Air fhoillseachadh

Thèid planaichean connspaideach airson fo-stèisean mòr dealain a thogail air làraich anns a bheil còrr 's 850 acair faisg air Cill Targalain a dheasbad le comhairlichean na Gàidhealtachd an-diugh.

Tha oifigearan a' moladh cead a thoirt don phròiseact a dh'aindeoin na connspaid agus an-fhois a th' ann mu dheidhinn.

Dheadh am pròiseact a thogail air talamh àitich aig Fàn Eilean, ri taobh Abhainn nam Manach.

Tha a' chompanaidh SSEN ag ràdh gu feum e a dhol air adhart agus an dùthaich a' gluasad a dh'ionnsaigh cumhachd ath-nuadhachail.

Ma gheibh e cead-dealbhachaidh, chaidh a ràdh gur e seo am pròiseact as motha de a sheòrsa san Roinn Eòrpa.

Thèid iarraidh air comhairlichean air Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas an-diugh cead a thoirt don phròiseact.

Bidh cothrom aig riochdairean coimhearsnachd bruidhinn aig a' choinneimh le dùil gum bi iad a-mach air a' bhuaidh a bheir e air rathaidean beaga cumhnang, bailtean leithid na Manachainn agus dòigh-beatha muinntir an aite.

Tuilleadh air an sgeulachd seo