Seirbheisean Poblach tron Ghàidhlig ann an Sgìrean Cànain Sònraichte

- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta a bhith air an toirt seachad tron Ghàidhlig ann an sgìrean far a bheil i ga bruidhinn.
Sin dìreach aon de na beachdan air a bheil Riaghaltas na h-Alba airson is gum beachdaich comhairlean ionadail, a rèir dreach de stiùireadh a chunnaic BBC Naidheachdan.
Fo Achd nan Cànanan Albannach, a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba an-uiridh, gheibh comhairlean cumhachd gus sgìrean ainmeachadh mar Sgìrean Cànain Sònraichte, no Areas of Linguistic Significance ann am faclan an reachdais fhèin.
Faodar an inbhe sin a thoirt air sgìrean le ceangal eachdraidheil ris a' Ghàidhlig, no far a bheil gnìomhan no foghlam Gàidhlig a' tachairt.
Ach feumaidh comhairlean beachdachadh air far a bheil sgilean sa chànan aig co-dhiù 20% den t-sluagh a rèir a' chunntais-shluaigh.
Anns na sgìrean sin, bhiodh ìrean na b' àirde de thaic airson na Gàidhlig – agus taic airgid do chomhairlean gus an cur an gnìomh.
Tha an t-slat-tomhais 20% a' toirt a-steach a h-uile uàrd-comhairle anns na h-Eileanan Siar agus san Eilean Sgitheanach.
Cuideachd, their am pàipear gu bheil sia uardan-comhairle eile nach eil aig ìre 20%, ach anns a bheil sgìrean nas lugha - census output areas - far a bheil sgilean sa Ghàidhlig aig 20%.
'S iad na sia uàrdan sin An Caol agus Malaig, An Gearasdan agus Àird nam Murchan, Cinn Tìre agus na h-Eileanan, an t-Òban a Tuath agus Latharna, an t-Òban a Deas agus na h-Eileanan, agus Taobh Siar Rois, Srath Pheofhair agus Loch Aillse.
Bile ùr nan Cànanan Albannach air fhoillseachadh
- Air fhoillseachadh30 An t-Samhain 2023
Taic do Bhile nan Cànanan Albannach le draghan na cois
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2024
Grunn atharrachaidhean am Bile nan Cànanan is taic 'son inbhe SMO àrdachadh
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024
Mar sin, dh'fhaodadh Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid inbhe mar sgìre chànain shònraichte iarraidh airson nan uàrdan sin, no airson sgìrean nas lugha nam broinn, mar Chille Chòmhain, Lios Mòr, Muile no Tiriodh.
Fon achd, tha 12 mìos aig comhairlean gus inbhe iarraidh às dèidh mar a thèid Earrann a Ceithir den Achd (an earrann a tha a' dèiligeadh ri sgìrean cànain) a chur an gnìomh.
Chan eil dearbhadh air a' chlàr-ama ach tha dùil ri sin mus sgaoil a' Phàrlamaid ron taghadh.
Bhiodh aig an Riaghaltas ri tairgsean airson inbhe mar sgìre shònraichte a sgrùdadh ach fiù 's le sin tha gach dùil gum faodadh sgìrean a bhith air an ainmeachadh ron t-samhradh 2027.

'Son a' chiad uair, bheir am pàipear seo tuaiream dhuinn air an diofar a dhèanadh aithneachadh mar sgìre shònraichte do phoileasaidh phoblach.
Fon lagh ùr, bidh aig ministearan ri ìrean taice don Ghàidhlig a stèidheacahdh agus dùil gum biodh iad na b' àirde do na sgìrean sònraichte.
Anns a' phàipear a chunnaic sinn, tha liosta de na riaghailtean a dh'fhaodadh a bhith an sàs annta.
A bharrachd air slàinte agus cùram sòisealta, dh'fhaodadh gum bi aig ùghdarrasan poblach ri litrichean a fhreagairt ann an Gàidhlig, an cànan a bhrosnachadh mar chànan obrach, agus trèanadh Gàidhlig a thoirt don luchd-obrach aca.
Dh'fhaodadh gum bi aca ri comhairle a thoirt do theaghlaichean air àrach cloinne le dà chànan agus Gàidhlig a chleachdadh air sanasan rathaid agus air còmhdhail phoblaich.
Chan eil poileasaidh foghlaim air an liosta – their am pàipear gum bi co-chomhairleachadh fa leth air sin.
Beachd Bile nan Cànanan Albannach atharrachadh
- Air fhoillseachadh24 An Gearran 2025
Bile nan Cànanan Albannach air Aonta Rìoghail fhaighinn
- Air fhoillseachadh31 An t-Iuchar 2025
Gus na h-amasan seo a choileanadh, gheibheadh comhairlean maoin a bharrachd.
Chan eil e soilleir fhathast dè an ìre maoineachaidh a bhios ann do na sgìrean sònraichte agus chan eil dùil gum bi nuair a thèid buidseat Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh an ath-sheachdain.
Tha fios gum bi tòrr an crochadh air an fhreagairt don cheist sin.
Mura biodh comhairlean far a bheil a' Ghàidhlig pailt airson sgìrean sònraichte ainmeachadh, bhiodh cumhachd aig ministearan toirt orra smaointinn a-rithist, a thuilleadh air dleastanasan ùra air Bòrd na Gàidhlig.
Ach tha beachd taobh a-staigh an Riaghaltais nach obraich seo ma tha riaghailtean ùra gan sparradh air comhairlean no air coimhearsnachdan.
Tha còrr is dà bhliadhna o dh'fhoillsich sinn gum biodh Sgìrean Cànain Sònraichte aig cridhe poileasaidh cànain ùir an Riaghaltais; beachd ùr gus toirt air a' Ghàidhlig fàs, agus a glèidheadh anns na sgìrean dualchasach.
Mu dheireadh thall, tha e beagan nas soilleire dè a' bhuaidh a bheireadh an inbhe ùr seo air na coimhearsnachdan fhèin.
Ach tha dùil ri deasbad mus tèid cruth mu dheireadh a chur air a' phoileasaidh seo.
Agus, mus tèid a chur an gnìomh, taghadh.