"Daoine air an aon ràmh" a thaobh Gàidhlig a neartachadh san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Nochd misneachd gu bheil daoine "air aon an ràmh" is deònach obrachadh còmhla gus suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh anns an Eilean Sgitheanach is ann an Ratharsair.
Chruinnich sluagh ann am Port Rìgh oidhche Dhiardaoin aig coinneimh a chuir Comann nam Pàrant sa bhaile air dòigh gus bruidhinn air Plana Cànain Coimhearsnachd a chur air bhog.
Bhathar a' coimhead air mar a dh'obraicheadh am plana sin leis na Sgìrean Cànain Sònraichte a thig an cois Achd ùr nan Cànanan Albannach, a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba an-uiridh.
Ged a tha na h-uimhir de cheistean ann fhathast mu mar a dh'obraicheas na Sgìrean Sònraichte - a thuilleadh air càite dìreach am bi iad - tha dùil aig an ìre seo gum faodadh iad a bhith air an ainmeachadh ron t-samhradh 2027.
A' bruidhinn às dèidh na coinneimh Diardaoin, thuirt cathraiche Chomann Pàrant Phort Rìgh, Màrtainn Mac a' Bhàillidh, gun tig cothroman gu leòr do choimhearsnachd an lùib na h-inbhe.
Thuirt e gum bi còmhraidhean ann leis na h-ùghdarrasan fhèin mu dè dìreach a tha a' choimhearsnachd ag iarraidh às na structaran ùra a thaobh rudan mar sheirbheisean tron Ghàidhlig is FtMG.

Daoine a' deasbad aig a' choinneimh ann am Port Rìgh oidhche Dhiardaoin
Sa chiad dol a-mach ge-tà, thuirt e, feumaidh còmhraidhean a bhith ann aig ìre na coimhearsnachd fhèin.
"Dè na neartan againn an seo, dè na cunnartan a tha romhainn, dè as urrainn dhuinne dèanamh nas fheàrr, ciamar as urrainn dhuinn taic a chumail ris na tha a' tachairt mar-thà, agus ciamar as urrainn dhuinn obrachadh còmhla gus na tha a' tachairt a neartachadh," thuirt e.
Agus a rèir na chualas aig a' choinneimh, tha daoine gu math deònach a bhith ag obair còmhla.
"Bha e dìreach cho brosnachail a bhith an seo còmhla ris a h-uile duine is buidheann cho mòr againn bho dhiofar bhuidhnean is diofar aoisean," thuirt Peigi NicBhiocair, a bha am measg na bha an làthair.
Bha Donna Lander à Sgonnsar cuideachd air a misneachadh.
"Tha mi air a ràdh nach eil sinn a' tighinn còmhla mar choimhearsnachd tric ach nuair a thig rudeigineach mar seo, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' faicinn gu bheil sinn air an aon ràmh.
"Ma tha sinn uile air aon ràmh agus ma tha plana againn, 's urrainn dhuinn barrachd a choileanadh mar choimhearsnachd."
"Ceumannan beaga" le amas mòr Gàidhlig a neartachadh an Uibhist
- Air fhoillseachadh4 An Gearran
Seirbheisean Poblach tron Ghàidhlig ann an Sgìrean Cànain Sònraichte
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
Tha Mgr Mac a' Bhàillidh mothachail gur e gnìomh a-nise a bhios a dhìth.
Thuirt e gu bheil dùil gun tig maoineachadh an dà chuid an lùib na h-inbhe ùire agus gus plana coimhearsnachd a leasachadh.
Às a sin, tha e den bheachd gun rachadh oifigear leasachaidh ùr fhastadh, a thuilleadh air na h-oifigearan a th' ann mar-thà.
Tha dùil ri tuilleadh choinneamhan anns na seachdainean ri tighinn air feadh na sgìre gus cothrom a thoirt do dhaoine eile am beachd a thoirt seachad.
Thathar an dòchas an uairsin plana a tharraing ri chèile gu foirmeil anns na mìosan ri tighinn.
Tha Mgr Mac a' Bhàillidh ag ràdh gu bheil e bunaiteach gur iad na daoine fhèin a ghabhas smachd air a' ghnothach.
"Aig a' cheann thall (tha e cudromach) gum bi muinntir an eilein a' faireachdainn gur ann leothasan a tha am plana a thig a-mach às a seo.
"Nach e rud a tha aig buidhinn ach gur ann le muinntir an eilein a tha am plana".