Naidheachdan 10:00m
Ola
Tha Sir Keir Starmer air cead a thoirt don Arm a dhol air bòrd shoithichean a thathas an amharas a tha a' giùlain ola Ruiseanach tro uisgeachan na Rìoghachd Aonaichte agus an cur an grèim. Thathas a' fàgail air an Ruis gu bheil na soithichean aice a' seòladh às aonais brataich nàiseanta gus smachd-bhannan a sheachnadh agus gus airgead a chruinneachadh a bhios na chuideachadh dhi sa chogadh an aghaidh na h-Ùcrain.
Iran
Tha an Ceann-suidhe Trump air fàgail air ceannardan Iran gu bheil an t-eagal orra aideachadh gu bheil iad ri barganachadh agus Thehran air a ràdh uair eile nach eil iad an sàs ann an còmhraidhean foirmeil mu shìthe san Ear-Mheadhanach. Tha riaghalatas a' Chinn-suidhe Trump a' maoidheadh gun leig iad ifreann ma sgaoil air Iran mura gabh i ri na cumhaichean aca. Tha seo a' tighinn agus an dà chuid Iran agus Israel air an tuilleadh ionnsaighean adhair a thoirt seachad tron oidhche a-raoir.
Atmhorachd
Tha tomhas ùr a' cumail a-mach gun tig àrdachadh mòr air an atmhorachd san Rìoghachd Aonaichte tàilleabh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach. Tha a' bhuidheann eadar-nàiseanta an OECD a' tomhas gum bi i aig 4% sa chumantas am-bliadhna an taca ri 2.5% mar a bhathas an dùil roimhe.
NS&I
Tha dùil gun tèid airgead-dìolaidh luach nan ceudan milleanan notaichean a phàigheadh do luchd-cleachdaidh a' bhanca thasgaidh NS&I, a tha fo shealbh na stàite. Tha iad ag ràdh gun deach fàillingidhean a dhèanamh san dòigh san deach dèiligeadh rin cuid airgid. Tha am banca air leisgeul a thabhainn dhaibhsan nach d' fhuair an seòrsa seirbheis ris an robh dùil.
Taghadh
Tha pàrtaidhean poileataigeach na h-Alba a' cur tachartasan air bhog an-diugh gus na h-iomairtean taghaidh aca a chur gu dol. Tha an iomairt air tòiseachdainn gu h-oifigeil air thoiseach air an Taghadh Albannach a bhios ann sa Chèitean.
Mòd
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air atharrachadh a thoirt air trì de na farpaisean mòr aca. Cha tèid comharran na maidne a chur ri comharran na h-oidhche tuilleadh ann am farpais a' Bhuinn Òir, farpais Bonn Òr an t-Seann Nòis, agus san Aigeallan Airgid gus àitichean iomallan a thoirt seachad. Thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Peigi NicIllinnein, gu bheil iad an dòchas nach bi farpaisich a' faireachdainn cus uallaich, agus gum bi e na thlachd do na farpaisich uileag a bhith an sàs annta.