"Robh e ceart a dhol dhan oilthigh?" - ceistean air daoine òga mu chothroman cosnaidh

Alasdair Condie
- Air fhoillseachadh
Tha na dùbhlain a th' aig daoine òga an-dràsta ann a bhith a' lorg obair aithnichte.
Tha na figearan as uìre bho Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gu bheil timcheall air 11% de dhaoine òga san dùthaich, sin feadhainn eadar 16 agus 24, a-mach à obair.
Tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta air innse gu bheil an àireamh sin aig 16% airson na Rìoghachd Aonaichte gu lèir.
Tha Alasdair Condie am measg an fheadhainn a tha a' coimhead airson dreuchd, is e air crìoch a chur bho chionn ghoirid air ceum maighstireachd ann an obair naidheachd aig Oilthigh Shrath Chluaidh.
Bha e ag amas air obair fhaighinn ann am margaidheachd no sna meadhanan.
Ged a tha e a-nis air leudachadh a thoirt air na seòrsa obraichean air a bheil e ag amas, tha fhathast duilgheadasan mòra air a bhith aige.
"Chan eil a' mhargaidh-obrach cho math," thuirt e.
"Tha mi a' cur tòrr thagraidhean a-steach, le CV, litir, puist-d nan cois, ach chan eil mi a' faighinn fhreagairtean."

Tha timcheall air 11% de dhaoine òga ann an Alba a-mach à obair, a rèir Riaghaltas na h-Alba
Tha an ONS ag ràdh gur e crìonadh air an eaconamaidh as coireach airson nan dùbhlan seo.
Chan eil uiread de dh'obraichean ann airson daoine aig nach eil eòlas agus tha farpais airson nan dreuchdan a tha ann a' fàs.
Tha Alasdair a-nis a' ceasnachadh an robh feum sam bith ann a bhith a' dol dhan oilthigh.
"Tha tòrr fhiachan ann bhon oilthigh agus a-nis tha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn rudeigin mar teasgasg, agus is dòcha mar sin gum bi agam ri ceum eile a dhèanamh," thuirt e.
"Bidh mi a' smaoineachadh, nuair a bha mi san àrd-sgoil an robh e ceart a bhith a' dol dhan oilthigh, no am biodh e air a bhith na b' fheàrr a dhol gu àite eile gus sgilean fhaighinn.
"Tha fios agam gu bheil daoine a' tighinn a-mach às an àrd-sgoil agus a' dol gu preantasachdan, agus tha iadsan a' faighinn chothroman oir tha iad a' faighinn sgilean agus eòlas."
"Tha daoine òga nas mothachaile air cosgaisean bith-beò"
Tha Joan Duncan ag obair dhan bhuidhinn Leasachadh Sgilean na h-Alba air a' Ghàidhealtachd, a' toirt comhairle dha sgoilearan mu na h-ath cheumannan aca.
Tha ise ag ràdh gu bheil co-dhùnaidhean daoine òga ag atharrachadh ri linn na h-eaconamaidh.
"'S e mo beachd-sa gu bheil tòrr dhaoine òga a tha a' faighinn taic nas mothachaile air cosgaisean bith-beò agus nas lugha dhiubh deònach gluasad bhon taigh," thuirt i.
"Tha cruth-atharrachadh mòr eaconomaigeach a' gabhail àite agus tha sinne airson nan cothroman a tha ann a chur air beulaibh dhaoine òga, gus am bi fios aca dè na h-obraichean a tha ri fhaighinn."
Le taghadh air fàire ann an Alba, bidh mòran dhaoine òga a' sgrùdadh nam planaichean a th' aig na diofar phàrtaidhean poileataigeach gus piseach a thoirt air a' mhargaidh-obrach.
Do dh'Alasdair, 's e a' chùis as cudromaiche.
"Nuair a tha mise a' beachdachadh air a' bhòt agam, bidh mi a' coimhead air na manifestothan, air dè na planaichean a th' aca airson rudan atharrachadh a thaobh chothroman obrach, gu sònraichte airson daoine òga."