CalMac: "Suidheachadh cho doirbh 's dòcha 's a bh' againn a-riamh"

Glen SannoxTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Glen Sannox am measg aiseagan a tha an-dràsta a-mach à seirbheis

  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air leisgeul a thabhainn air coimhearsnachdan is iad ag ràdh gum faodadh gu bheil iad fo bharrachd uallaich an-dràsta na bha iad a-riamh.

Tha a' chompanaidh air sgrìobhadh gu coimhearsnachdan gus na dùbhlain a tha mun coinneimh an-dràsta a mhìneachadh.

Thuirt iad gu bheil iad mothachail gu bheil an lìonra air a bhith a' tighinn fo chuideam gu cunbhalach anns na bliadhnaichean mu dheireadh, ach gu bheil iad a-nise ann an suidheachadh gu math fhèin dùbhlanach.

Dh'fhoillsich iad liosta de na duilgheadasan a th' aca an-dràsta:

  • Eilean Arainn gun bhàtaichean mòra an-dràsta

  • An MV Coruisk a-mhàin a' dol eadar an t-Òban is Creag an Iubhair

  • An MV Finlaggan a-mhàin a' frithealadh air Ìle

  • An MV Isle of Mull a' frithealadh an dà chuid air Barraigh is Uibhist a Deas

  • Seirbheisean Cholla, Thiriodh is Cholbhasa air an lùghdachadh is bàta nas lugha air an t-slighe (an MV Lord of the Isles seach an MV Clansman)

  • An MV Alfred, MV Loch Frisa, MV Hebrides is MV Isle of Lewis uile san doc

A thuilleadh air an-sin, dh'innis iad gu bheil an MV Caledonian Isles agus an MV Isle of Arran a-mach à seirbheis, is gun do dh'èirich trioblaid theigniceach le fear de dh'einnseanan an Glen Sannox madainn Diardaoin.

Ged a bhathar an dòchas gun tigeadh an t-aiseag ùr an MV Isle of Islay a-steach gu seirbheis Diardaoin, tha CalMac ag ràdh gu bheil feum aice air barrachd dheuchainnean mara airson cuid de rudan beaga a thàinig am bàrr a chur ceart.

Thuirt iad gu bheil cunnart ann nach bi i ann an seirbheis Dihaoine airson toiseach clàr-ama an t-samhraidh, is gu bheil seòlaidhean an-dràsta air an cur dheth eadar seo is Diluain.

Ged a tha CalMac ag ràdh gu bheilear a' feitheamh fiosrachadh a bharrachd air grunn de na bàtaichean seo, thuirt iad gu bheil dùil cuideachd ri droch shìde air an deireadh-sheachdain a bheir buaidh air seirbheisean.

"Tha mi duilich mun troimhe-chèile air seirbheisean gu h-ionadail agus air feadh an lìonra," thuirt neach-labhairt bho ChalMac san litir do choimhearsnachdan.

"Tha an suidheachadh ag atharrachadh gu luath is tha sinn an dùil ri barrachd fiosrachaidh tron là.

"Tha sinn a' dèanamh a h-uile dad as urrainn dhuinn gus aiseagan fhaighinn air ais ann an seirbheis cho luath 's a ghabhas".

Anns na làithean mu dheireadh thog muinntir Bharraigh dragh mòr mun t-seirbheis a bha iadsan gu bhith a' faighinn à clàr-ama eadar-amail chun an 16mh den Ghiblean.

Ged a dh'atharraich CalMac an clàr-ama às dèidh sin, dh'aidich a' chompanaidh gun robh an clàr-ama ùr air seirbheisean Uibhist a Deas a lùghdachadh gu mòr.

'S e mar a dh'èirich trioblaid theicnigeach leis an MV Isle of Lewis air a' mhìos sa chaidh a dh'adhbhraich troimhe-chèile air slighe Bharraigh bho thùs.

Aig an an àm sin, thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, a tha e fhèin mion-eòlach air suidheachadh nan aiseagan, gun robh esan den bheachd nach robh cùisean a-riamh cho cugallach.